Ìmpidh às ùr ga cur air Loganair

  • 7 Am Faoilleach 2016
Itealan

Thèid innse dhan chompanaidh Loganair aig coinneimh gum feum iad na seirbheisean aca a leasachadh gun dàil.

Coinnichidh BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ris a' chompanaidh Dihaoine.

Thuirt an Dr. Allan nach eil là a' dol seachad nach eil e a' faighinn ghearain mun chompanaidh.

Dh'innis Loganair an t-seachdain seo gun do rinn iad prothaid de £7.8m sa bhliadhna-ionmhais suas dhan Mhàrt 2015.

"Tha prothaidean na companaidh a' dol suas, a bheil iad a' dèanamh rudeigin feumail leis na prothaidean sin airson an t-seirbheis a dhèanamh nas fheàrr", thuirt an Dr. Allan.

Aig an aon àm, nochd beachd bho luchd-iomairt gum bu chòir buidheann thar-phàrtaidh is thar-phàrlamaid a stèidheachadh airson dèiligeadh ris na trioblaidean a tha a' toirt buaidh air seirbheisean adhair gu eileanan na h-Alba.

Thuirt Scott Preston bho 'Eileanaich airson Faraidhean Adhair Nas Ìsle' gum bu chòir dhan bhuidhinn ùir coimhead ri seirbheis Loganair is prìs nam faraidhean aca.

Gearainean

Tha sreath de ghearainean air a bhith ann mu Loganair anns na mìosan a chaidh seachad.

Tha pìleatan a tha ag obair dhan chompanaidh am measg na tha e air dragh a thogail.

Na bu thràithe an t-seachdain seo, thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach eil earbsa aig daoine a-nise ann an Loganair.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum faigh muinntir nan eilean seirbheisean adhair san gabh earbsa cur.

Bha e a' bruidhinn às dèidh do mholadh nochdadh gum bu chòir do bhuidhnean poblach sa cheann a tuath fhèin companaidh adhair a stèidheachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile