Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuiltean

Tha dragh ann gum bi tuilleadh thuiltean anns na Ear-Thuath an-diugh. Tha rabhadh aig Oifis na Sìde air uisge trom, sneachda agus gèile ann an Siorrachd Obar Dheathain, Machair Aonchais, agus Siorrachd Pheairt.

An Eaconamaidh

Tha an Seansalair ag ràdh gu bheil measgachadh de chunnartan ùra mu choinneimh eaconamaidh Bhreatainn am-bliadhna. Tha Seòras Osborne den bheachd gum faodadh mì-chinnt anns an Ear-Mheadhanach, crìonadh ann an Sìona agus prìs ìosal na h-ola droch bhuaidh a thoirt air an eaconamaidh, agus thuirt e, ged a tha eaconamaidh Bhreatainn air an t-slighe cheart, gu bheil e ro thràth fhathast cùl a chur ri gearraidhean agus sàbhaladh.

Sìona

Thuit luach nan earrainnean air na margaidhean Eòrpach sa mhadainn le dragh mu eaconamaidh Shìona. Dhùin margaidhean ionmhais Shìona tràth airson an dàrna turais an t-seachdain seo agus luach an airgid aca an sin a' sìor thuiteam.

Seann Chlàran-ola

Thuirt an t-aonadh GMB gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cabhag a chur ri briseadh seann chlàran-ola anns a' Chuan a Tuath. Thuirt an t-aonadh gu bheil 300 clàr-ola a' feitheamh ri am briseadh, agus mura dèan an Riaghaltas oidhirp an-dràsta, gun caill an gnìomhachas ann am Breatainn cothrom air a' chosnadh a thig an cois na h-obrach sin ri companaidhean ann an dùthchannan eile.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt fear de na comhairlichean ann an sgioba bhuidseat Chomhairle na Gàidhealtachd gun do chuir còrr is 200 duine an ainm air adhart airson an obair fhàgail gu saor-thoileach. Chuir a' Chomhairle sgeama air dòigh 's iad ag amas air £50m de ghearraidhean air a' bhliadhna-ionmhais eadar 2016 agus 2017. Thuirt an Comh. Bill Fernie, gun caill eadar deichnear agus 12 dhuine an cosnadh aig àrd-ìre sa Chomhairle - rud a bheir atharrachadh mòr, thuirt e, air seirbheisean poblach.

Loganair

Gheall Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gun cuir esan cuideam air Loganair leasachadh a thoirt air na seirbheisean aca dha na h-Eileanan nuair a choinnicheas e riutha a-màireach. Thuirt an Dr. Allan nach eil là a' dol seachad nach eil e a' faighinn ghearainnean mun chompanaidh. Thuirt e gum faighnich e dhiubh a bheil iad a' cleachdadh na prothaid a rinn iad an-uiridh airson leasachadh a thoirt air na seirbheisean.