Seirbheisean "earbsach" a dhith

  • 6 Am Faoilleach 2016
Plèana Loganair
Image caption 'S iad Loganair a tha a' ruith sheirbheisean nan Eilean às leth na companidh Flybe.

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gum faigh muinntir nan eilean seirbheisean adhair san gabh earbsa cur.

Sin beachd Fhir-Ghairm Comhairle nan Eilean Siar 's e a' toirt a bheachd air moladh gum bu chòir do bhuidhnean poblach sa cheann a tuath fhèin companaidh adhair a stèidheachadh.

Tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gum bi seo air a' chlàr-ghnothaich nuair a choinnicheas Fòram Còmhdhail ùr a tha ag amas air barrachd smachd a thoirt do chomhairlean eileanach airson a' chiad uair an ath-sheachdain.

Ach, air a' cheann thall, 's e barrachd taic à Dùn Èideann a tha a dhìth airson piseach a thoirt air seirbheisean na bheachd-san.

Itealain nas motha

"Chan eil teagamh sam bith ann nach biodh cosgaisean mòra an lùib a bhith a' cruthachadh seirbheis a bharrachd air na th' againn an-dràsta," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as ciallaiche dhuinn 's e a bhith ag obair leis an Riaghaltas agus Loganair airson cùisean a chur ceart an àite a bhith a' feuchainn ri rud às ùr a thoirt a-steach.

"Ach ma 's e 's nach soirbhich leinn an sin, feumaidh sinn a bhith a' coimhead ri dòighean eile - leis an Riaghaltas a-rithist - air seirbheisean adhair a bhith a' tighinn a-mach 's a-steach dha na h-eileanan agus gu bheil sinn gu bith cinnteach às gu bheil e gu bhith a' siubhal air an àm a h-uile turas ma ghabhas sin dèanamh, ach a bharrachd air an aimsir a' toirt buaidh orra.

"Chan eil càil a' cur stad air companaidhean eile bho a bhith a' farpais ri Loganair.

"Ach bhiodh an aon dùbhlan aca a thaobh nan itealan.

Casg

"Chan eil itealain bheaga rim faotainn an àite sam bith eile anns an t-saoghal airson seirbheisean leithid an fheadhainn againne sna h-eileanan.

"'S dòcha gur e sin as coireach nach eil farpais ann mar a chì sinn gu math tric a air.

"Ach bhiodh e a' ciallachadh itealain nas ùire, itealain nas motha, agus bhiodh sin air a dhèanamh ann an dòigh a tha coimearsalta.

"Bhiodh e na chuideachadh nan togadh an Riaghaltas an-dràsta an casg a th' aca air ADS (Sgeama Lasachaidh nan Seirbheisean Adhair) airson gnìomhachas agus buidhnean poblach.

"Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh barrachd dhaoine a' siubhal, agus bhiodh e na bu eaconamaiche dha companaidh itealain nas motha fhaighinn ma 's e 's gun tachradh sin.

"A-rithist bidh sin air a' chlàr-obrach airson na coinneimh a bhios againn an t-seachdain seo tighinn," thuirt e.