Iomairt a' bhainn-leathainn Sgitheanaich

  • 6 Am Faoilleach 2016
Càballan LAN

Nochd draghan am measg luchd-cleachdaidh a' bhainn-leathainn san Eilean Sgiathanach agus moran dhaoine a' gearain mu cho slaodach 's a tha cùisean air a bhith bho àm na Nollaige.

Chaill cuid ann an iar-thuath an eilein am bann-leathann gu tur o chionn ghoirid.

Chuir còrr is 900 duine an ainm ri buidhinn air na meadhanan-sòisealta a tha a' sgaoileadh fiosrachaidh mu cho slaodach 's a tha am bann-leathann aca, agus ag iarraidh air BT rudeigin a dhèanamh ma dheidhinn.

Tha BT ag ràdh gur e uisge a thug buaidh air aon de na stèiseanan aca a tha a' frithealadh sgìre Dhùn Bheagain.

Eòlas Dùthcha

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag amas air obair a dhèanamh faisg air a' Bhlàr Dhubh gus piseach a thoirt air seirbheisean chun an eilein.

"'S e na dh'iarramaid fhaicinn, gun tèid na seirbheisean a chur air ais mar a bha iad ron bhriseadh as ùire seo," thuirt Brian Mac a' Ghobhainn, a stèidhich a' bhuidheann.

"Tha fhios agam bho a bhith a' bruidhinn ris an luchd-einnsinnìridh, gu bheil trioblaid mhòr ann a thaobh tùr craobh-sgaoilidh ris a' bhun-lìonra fibre air Tìr-Mòr.

"Feumar sin atharrachadh.

"Bu mhath leamsa gun tigeadh cuideigin bho BT, bho Riaghaltas na h-Alba, bho Westminster - duine sam bith a tha an sàs ann am frithealadh a' bhainn-leathainn - chun an Eilein Sgitheanaich a mhìneachadh dhuinn carson a tha cuid de sgìrean san eilean a' faighinn chàbaill fibre-optic le sàr-bhann-leathann, math dha-rìribh, 's an còrr againn gar trèigsinn.

"Tha sinn air ar fàgail a chur feum air bann-leathann saideil, no a dhol an lùib sgeama," thuirt e.

Chan eil na trioblaidean a' bualadh air gach duine san eilean ge-tà.

A rèir chuid, cha robh na h-astairean luchdachaidh a-nuas aca riamh cho math.

Ach a rèir chuid eile, bheir e suas ri 20 mionaid dìreach beachd a sgrìobhadh air na meadhanan sòisealta.

"Chaill sinne gu tur e, iomadach trup thairis air seusan na Nollaige 's na Bliadhna Ùire," thuirt Calum Dòmhnallach, a tha a' fuireach an ceann a deas an eilein.

"Sa chiad àite tha aca ri choimhead an-àirde cà bheil mi. Tha iad a' smaoineachadh gur ann air cùl na gealaich a tha mi nuair a chanas mi "Isle of Skye".

"Ach tha barrachd fhiosrachaidh a dhìth orra fhèin mu dheidhinn suidheachadh na dùthcha.

"Tha fhios gu bheil iad a' faighinn tòrr ghearainnean 's gu bheil rudeigin fada ceàrr.

Post nas luaithe

"'S e suidheachadh a th' ann, ge b' e cò ris am bruidhinn thu, ge b' e cuideigin thall an sna h-Ìnnseachan no cuideigin san dùthaich seo fhèin, chan eil mòran fios aca mu dheidhinn an t-suidheachaidh a th' againne an seo," thuirt e.

Tha dragh ann, mura tèid a' chùis a rèiteachadh, gun dèan e cron gu h-àraid air an fheadhainn a tha feumach air bann-leathann airson an cuid obrach a dhèanamh.

Ann an Heàrrlois, faisg air Dùn Bheagain, tha Russell Sherwood agus a bhean a' cur feum mòr air, 's iad le chèile ag obair bhon taigh.

Tha Russell na dhealbhadair, agus o chionn ghoirid thug e cho fada dha dealbhan a chur suas tron bhann-leathann a th' aca 's gun do chur e air maide-cuimhne iad 's dhan phost a dh'ionnsaigh an duine a bha gan ceannach.

"Tha e nas luaithe an cur dhan phost na bhith a' cleachdadh an eadar-lìn," thuirt Mgr Sherwood.

"Tha sin bho là gu là. Ma thèid an suidheachadh am miosad bidh an trioblaid sin nas motha buileach.

"Tha a bhith ag obair bhon taigh, tha e a' fàs do-dhèante dhuinn, oir chan urrainn dhuinn obrachadh cho èifeachdach 's a dh'fheumas sinn.

"A' crochadh"

"Tha an t-uabhas ghnothachasan beaga san Eilean Sgitheanach a tha a' crochadh air an eadar-lìon.

"Mura faigh iad na dh'fheumas iad, thèid iad à bith.

"Bidh daoine a' cluinntinn mun leithid seo, 's canaidh iad "bu mhath leam fuireach san Eilean Sgitheanach, ach cha tèid mi ann oir chan eil an eadar-lìon aca".

"Tha an eadar-lìon air a dhol na rud a tha riatanach do bheatha an là an-diugh, 's a cheart dhòigh 's a tha an dealan, uisge an tap 's a h-uile seirbheis eile a tha sinn a' faighinn. Bu chòir don eadar-lìon a-niste a bhith na phàirt dheth sin," thuirt e.

Coinnichidh Ball-Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, ri BT an ath-sheachdain, agus e air freagairtean iarraidh.

Ann am brath, thuirt BT gun do rinn luchd-einnsinnìridh càradh air an tùr chraobh-sgaoilidh far an robh uisge air faighinn a-steach.

Chuir iad cuideachd uidheamachd rèidio is càballan ùra a-steach air gach taobh den cheangal.

Thuirt BT gu bheil an luchd-einnsinnìridh cuideachd gus uidheamachd ùr a chur an sàs faisg air a' Bhlàr Dhubh.