Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thig dearbhadh bho Dhàibhidh Camshron gum bi cead aig buill anns a' Chaibineat iomairt a dhèanamh an aghaidh ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Ach chan fhaod iad sin a dhèanamh gus an cuir Breatainn crìoch an toiseach air aonta ùr mun chàirdeas ris an AE. Gheall Mgr Camshron referendum air a' chùis ro dheireadh 2017.

Na Làbaraich

Tha Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a' toirt atharrachaidh air a chaibineat. 'S e Rùnaire Cultair nan Làbarach, Mìcheal Dugher, a' chiad fhear a chaill a dhreuchd. Bha Mgr Dugher am measg na chaidh an aghaidh Mhgr Corbyn agus a bhòt airson ionnsaighean Breatannach air IS ann an Siria.

IS

Tha na seirbheisean tèarainteachd a' rannsachadh an e fear a bhuineas do thaobh sear Lunnainn a th' anns a' bhideo mu dheireadh a thàinig bho IS. Theich Sidharta Dhar à Breatainn gu ruige Siria ann an 2014 goirid an dèidh a shaoradh air urras 's e fo amharas mu cheannairc. Agus tha dràibhear tacsaidh ann an Lunnainn ag ràdh gur dòcha gur e ogha dhàsan a th' ann an gille beag a tha a' nochdadh anns a' bhideo cuideachd.

Phil Boswell

Tha Coimiseanair Modh na Pàrlamaid ann an Westminster a' dèanamh rannsachaidh air Phil Boswell aig an SNP agus aithrisean ann gun do bhris esan riaghailtean mu bhith na stiùiriche air companaidhean. Thuirt an SNP ge-tà nach do rinn Ball-Pàrlamaid Choatbridge, Chryston agus Bellshill dad ceàrr.

Seirbheis Adhair

Thuirt fear de chomhairlichean nan Eilean Siar a tha a' strì airson seirbheisean adhair nas fheàrr gur fhiach coimhead air moladh bho fhear-gnothaich à Steòrnabhagh a thuirt gum bu chòir buidhnean poblach anns a' cheann a tuath seirbheis adhair ùr a chur air bhonn. Tha an Comh. Dòmhnall Crichton ag iarraidh sgrùdaidh air beachd an fhir-ghnothaich Tormod L. Dòmhnallach an dèidh bliadhna gu leth de ghearainnean mun t-seirbheis a tha Loganair a' toirt dha na h-Eileanan.

Craoladh Gàidhlig

Thèid Àrd-Stiùiriche MG ALBA gu Comataidh an Fhoghlaim is Cultair aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh agus a' chomataidh a' cruinneachadh fianais mu ath-nuadhachadh air càirt a' BhBC. Canaidh Dòmhnall Caimbeul gu bheil craoladh tro mheadhan na Gàidhlig feumach air mòran a bharrachd taic bhon BhBC. Bidh riochdairean bho chompanaidhean craolaidh neo-eisimeileach, agus na h-aonaidhean ciùird iad fhèin a' toirt fianais dhan chomataidh.