Cocaine caillte?

  • 4 Am Faoilleach 2016
Tweet Image copyright Police Scotland

Thug na Poilis san Eilean Sgitheanach rabhadh do chuideigin a bha a' comharrachadh na Bliadhna Ùire an dèidh dhaibh cocaine a lorg.

Sgrìobh oifigearan air Twitter gun robh "an cocaine agad an seo aig stèisean nam Poileas. #agiarraidhfacailort".

Chaidh an teachdaireachd a sgaoileadh fad is farsainn, ga ath-thweeteadh mu 3,500 turas.

Ghabh daoine "comadaidh òir" agus "sàr-obair nam Poileas" air an tweet.