Àranais an dùil ri buannachd

  • 4 Am Faoilleach 2016

Tha stiùirichean na companaidh BiFab an dòchas gun cluinn iad an taobh a-staigh dhà no trì sheachdainnean an d' fhuair iad obair bhon chompanaidh dhealain SSE co-cheangailte ris an tuath-ghaoithe mhòr a tha SSE am beachd a thogail sa Chuan a Tuath a-mach bho Inbhir Ùige.

Tha dùil ri co-dhùnadh cinnteach bho SSE ro dheireadh a' Mhàirt air sgeama a chosgas còrr 's £2bn.

Bheireadh seo ath-bheothachadh cuideachd air gàradh Àranais ann an Leòdhas, a tha le BiFab.

'S ann le SSE a tha pàirt de BiFab, agus tha dùil gun tig co-dhiù earrainn den obair a dh'Àranais.

Dh'fhaodadh seo togail a thoirt do BiFab, an dèidh dhaibh tòrr den luchd-obrach aca a phàigheadh dheth sa bheagan is bliadhna a dh'fhalbh ri linn prìs ìosal na h-ola.