Cupa MhicShimidh le Lòbhat

  • 4 Am Faoilleach 2016
Ball is caman

Thòisich Lòbhat 2016 mar a chrìochnaich iad 2015 - le duais a thogail - ach 's ann air èiginn a bhuannaich iad Cupa MhicShimidh air ais bhon Mhanachainn an Cill Taraghlain.

B' e sgioba car òg a bh' aig a' Mhanachainn is bha coltas nearbhach orra tràth sa gheama, ach shocraich iad, is b' iad a chaidh air thoiseach ann an 17 mionaidean, Robbie Brindle ga fhaighinn ann an rùm mus do shlaic e am ball gu h-ìosal seachad air Stiùbhart Dòmhnallach.

Sin mar a dh'fhuirich cùisean gu tràth san dàrna leth nuair a chuir Lòbhat tadhal, Lewis Tawse a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh bùrach ann an loidhne dìon na Manachainn.

Chaidh Lòbhat an uairsin air thoiseach le beagan las lugha na 20 mionaid air fhàgail.

Stad Josh Grannd ann an tadhal na Manachainn an toiseach slaic-peanais bho Chaoimhinn Bartlett.

Sgileil

Bhon bhuille-oisne ge-tà, thug Greg MacMathain am ball a-mach às an èadhar gu sgileil is stiùir e seachad air Grannd e.

Cha robh a' Mhanachainn deònach gèilleadh is cha-mhòr sa bhad bha iad co-ionnan le tadhal bho Dhàibhidh MacIlleathain.

2-2 is leis gun do bhuannaich iad ann an 2015, bhiodh sin air an cupa a chur air ais dhan Mhanachainn.

Bha car eile san sgeulachd ge-tà.

Thog Friseal Gallacher am ball agus bho astar shlaic e am ball gu h-àrd seachad air a' Ghranndach.

Tadhal air leth a bhuannaich an geama dha Lòbhat 3-2 is Cupa MhicShimidh a' tilleadh a Chill Taraghlain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile