Lasachadh 50% air faraidhean adhair

  • 1 Am Faoilleach 2016
Itealan

Thèid Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair ann an sgìrean eileanach agus sgìrean iomallach air Tìr-Mòr an-àirde gu 50% bho Là na Bliadhna Ùire.

Tha an lasachadh air a bhith aig 40% thuige seo.

'S e 50% an ìre as motha a tha ceadaichte, agus tha sin a' buntain do thiceadan a cheannaichear bho Là na Bliadhan Ùire a-mach.

"Bidh Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair a' dèanamh diofair dha-rìribh do luchd-còmhnaidh nan coimhearsnachdan iomallach againn, a' toirt cothrom do dhaoine air faraidhean gu math nas saoire," thuirt Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh.

"'S iad ceanglaichean riatanach a tha seo do mhòran de na coimhearsnachdan seo, agus tha mi gu math toilichte gun tèid againn air an cuideachadh nas motha le bhith a' leudachadh na sgeama.

"Tha e cuideachd cudromach a bhith a' cuimhneachadh gu bheil an sgeama fosgailte do dh'oileanaich a th' ann am foghlam air falbh bhon dachaigh, agus luchd-obrach saor-thoileach agus luchd-obrach bhuidhnean na treas roinne.

"Mar Mhinistear na Còmhdhail 's nan Eilean, 's iomadh sgeul a chuala mi thar na bliadhna mu dheireadh mun bhuaidh a tha faraidhean àrda a' toirt air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan.

"Tha an leudachadh seo a' dèiligeadh ris an trioblaid seo gu dìreach, agus tha mi an dòcha gun gabh luchd-còmhnaidh a dh'fhaodas brath slàn air.

"Tha an leudachadh seo, a thuilleadh air sìneadh na sgeama gu 2019, na dhaingneachadh air dealas an Riaghaltais Albannaich do a bhith a' cumail taic ri coimhearsnachdan na Gàidhealtachd 's nan Eilean," thuirt e.