Bhan BT
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bann-leathann luath sna h-Eileanan

29 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ach aonan às gach triùir sna h-Eileanan an Iar comasach air seirbheis bann-leathainn luath fhaighinn.

Sin an taca ri faisg air seachdnar às gach deichnear air a' Ghàidhealtachd.

Thàinig na figearan ùra bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha adhartas ga dhèanamh, ge-ta. Aig toiseach na bliadhna an-uiridh chan fhaigheadh ach ceithir às a' cheud an t-seirbheis.

Thuirt HIE gun cum iad orra a' sgaoileadh bann-leathann luath gu barrachd dhaoine air feadh a' chinn a tuath an ath-bhliadhna.

Le tuilleadh seo Coinneach Mac a' Ghobhainn.