Solas rabhaidh air seirbheis Loganair

  • 28 An Dùbhlachd 2015
Loganair

B' fheudar do dh'itealan Loganair a bh' air an t-slighe a Steòrnabhagh tilleadh a Ghlaschu Là na Sàbaid, às dèidh do sholas rabhaidh tighinn air mu cheò san t-seòmar-stiùiridh.

Dh'fhàg an t-itealan Saab 360 Glaschu mu 12:30f, ach thionndaidh e air ais a Ghlaschu nuair a thàinig an solas air.

Ged nach robh an dithis phìleat fhèin a' faicinn ceò sam bith, b' fheudar dhaibh tilleadh a Ghlaschu ri linn, ged a chaidh an solas dheth a-rithist mus do thill iad.

Às dèidh dhi tilleadh a Ghlaschu, fhuair luchd-siubhail air itealan eile, a ràinig Steòrnabhagh mu 3:30f.

Tha seo a' tighinn às dèidh gearain mu sheirbheisean adhair Loganaiar dha na h-eileanan an Iar is mu Thuath o chionn ghoirid, gu sònraichte a thaobh innleadairean is càraidh.

Na bu tràithe air a' mhìos b' fheudar do dh'itealan a Shealtainn aon einnsean a stad mus do làigh e, às dèidh do sholas rabhaidh eile tighinn air.