Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Blatter agus Platini

Dh'innis Sepp Blatter do choinneamh naidheachd ann an Zurich gu bheil e fhathast na thargaid airson builean, agus gu bheil e air a thruailleadh ann an suilean an t-saoghail. Bha Mgr Blater a' bruidhinn às dèidh do chomataidh modhanan FIFA e fhèin agus ceannard UEFA, Michel Platini, a chasg bho bhall-coise airson ochd bliadhna. Thuirt Mgr Blatter gu bheil e a' dol a thagradh an aghaidh co-dhùnadh na comataidh, agus e ag ràdh gu robh e air a bhith a' smaointinn gu robh e air dearbhadh dhaibh nach robh dad ceàrr air mar a phàigh FIFA £1.3m do Phlatini às aonais cùmhnant.

Cumhachdan

Tha cunnart ann gun tuit bailtean agus coimhearsnachdan na h-Alba air dheireadh air pàirtean eile dhen Rìoghachd Aonaichte mura tèid barrachd chumhachdan a thoirt dhaibh - sin a-rèir Rùnaire na h-Alba Dàibhidh Mundell. Cleachdaidh Mgr Mundell òraid ann an Glaschu an-diugh airson innse gu bheil an t-àm aig Riaghaltas na h-Alba cumhachd a sgaoileadh a-mach an àite a bhith ga chàrnadh ann an Holyrood. Thuirt an Riaghaltas gu bheil clar-gnòthaich beothail aca airson cumhachd a sgaoileadh.

Stàlainn

Cho-dhùin buidheann de bhuill Phàrlamaid gun robh còir aig an Riaghaltas a bhith air barrachd a dhèanamh airson gnìomhachas stàlainn Bhreatainn a shàbhaladh. Tha Comataidh a' Gnìomhachais air ministearan a chàineadh airson mar a dh'fhailich e orra dad a dhèanamh nuair a thòisich prìsean stàlainn na cruinne a' tuiteam - neo iarraidh air an EU ceumanan a ghabhail an aghaidh stàlainn saor a bhith a' tighinn à Siona. Chaidh na mìltean chosnaidhean a chall anns an Rìoghachd Aonaichte sna beagan mhìosan a dh'fhalbh - còrr is 250 dhiubh ann an Alba.

Plèana

Tha polais na Frainge air dithis luchd-siubhail a chuir an greim às dèidh mar a b'fheudar do phlèana Air France laighe ann an èiginn ann an Kenya an-dè. B'fheudar am plèana, a bha a' siubhail à Mauritius gu Paris, laighe aig port adhair Mhombassa nuair a chaidh boma fuadan a lorg ann am fear de thaighean-beaga an itealain.

EU

Thàinig rabhadh bho fhear a bha na leas phriomhaire gun tòsich cogadh sìobhalta sa phàrtaidh Tòraidheach ma thèid cead a thoirt do mhinistearan bhòtadh mar a thogras iad ann an referendum an Aonaidh Eòrpaich. Bha Mìcheal Heseltine a' bruidhinn 's cuid sa phàrtaidh a' cuir cuideim air Dàibhidh Camshroin cothrom a thoirt do mhinistearan a bhith ag iomairt air gach taobh dhen chùis - fiu 's ged a tha am Prìomhaire fhèin airson 's gum fuirich Breatainn san EU.

Afganastan

Tha sabaid chruaidh a' leantainn ann an sgìre Helmand de dh'Afganastan, far a bheil na ceudan shaighdearan a' feuchainn ri sèisd Taliban a bhriseadh. Tha an Taliban air baile Sangin a chuairteachadh, agus tha feachdan dìon a' bhaile ag ràdh gu bheil iad a' fàs gann de pheilearan, agus gum faodadh gun teid an t-ionad aca a ghabhail thairis ann am beagan uairean a thìde.