Barrachd dhaoine a dhìth airson spadadh nan gèadh

  • 21 An Dùbhlachd 2015
Geòidh
Image caption Tha dùil gu bheil lùghdachadh a' tighinn air àireamh nan eun ann an Leòdhas 's na Hearadh

Tha Buidheann Stiùiridh nan Gèadh ann an Leòdhas agus na Hearadh ag iarraidh gun cuidich barrachd chroitearan le bhith a' losgadh orra.

Chuala coinneamh aig an deireadh-sheachdainn gu bheil àireamh nan eun a' tuiteam, ach gum feumar fhathast tuilleadh dhiubh a mharbhadh.

Bha 5000 gèadh ann an Leòdhas nuair a chaidh an cunntadh mu dheireadh, agus dh'fhaodadh gu bheil an àireamh cheart na b'àirde na sin leis gur ann air là robach a chaidh an cunntas a ghabhail.

Bithear gan cunntadh a-rithist sa Mhàirt an ath-bhliadhna.

Thuirt Ailig Dòmhnallach a tha na bhall dhen bhuidhinn gur e barrachd chroitearan a bhith a' losgadh air na geòidh a bheireadh an àireamh dhiubh sìos.

"Mar as motha de dhaoine a tha a' faighinn cead 's ann as fheàrr a thèid dhan bhuidhinn."

"'S e glè bheag de dhaoine a tha a' cur a-staigh airson cead ach tuigidh mi cuideachd nach eil na h-àireamhan mar a bha iad - chan eil uiread de chroitearan aig a bheil gunnaichean an-diugh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo