Cùirt Siorraidh Inbhir Nis a' gluasad

  • 18 An Dùbhlachd 2015
Inverness Castle Image copyright Thinkstock

Gluaisidh Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gu togalach ùr taobh a-staigh trì bliadhna.

Bidh sin a' fàgail gum faodadh Caisteal Inbhir Nis a bhith air a chleachdadh 'son luchd-turais.

Tha dùil gum bi togalach ùr na cùirte deiseil ann an trì bliadhna, ged nach eil fhios fhathast càite am bi e stèidhichte.

Tha e coltach gu bheileas mar thà air dealbhachadh a thòiseachadh.

Thàinig dearbhadh ann am buidseat na h-Alba gu bheil obair air tòiseachadh 'son togalach ùr dhan chùirt.

Cothrom

Tha Ball-Pàrlamaid na sgìre, Drew Hendry, ag ràdh gu bheil cothrom air leth do dh'Inbhir Nis an lùib na naidheachd.

"Chan eil leithid de ghoireas againn sa bhaile fhèin, ged a tha rudan air iomall baile Inbhir Nis, coltach ri Loch Nis, agus Raon-Goilf Chaisteal Stiùbhairt", thuirt Mgr Hendry.

"'S e rud mòr a bhiodh ann, chan ann a-mhàin do luchd-turais, ach do dhaoine sa bhaile fhèin cuideachd", thuirt e.

Thòisich co-chomhairle mar thà mu mar a bu chòir an caisteal a bhith air a chur gu feum.

Tha a' Chomhairle airson is gun innis daoine dhaibh mu na tha iad ag iarraidh tachairt leis a' chaisteal.

Tha molaidhean ann mu leithid taigh-tasgaidh a chur san togalach neo aite-còmhnaidh do luchd-turais.