Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Chuir Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, dìon air a' bhuiseat an-dè anns an do dh'innis e gum bi gearradh de 3.5% anns an airgead do dh'ùghdarrasan ionadail gun àrdachadh sam bith anns a' chìs chomhairle. Thuirt Mgr Swinney gu bheil sin beag an coimeas ri gearradh faisg air 30% a tha mu choinneimh cuid de na comhairlean ann an Sasainn. Tha Comhairlean na Gàidhealtachd 's nan Eilean Siar am measg na thuirt gun toir buidseat na h-Alba fìor dhroch bhuaidh orra. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum feum iad £40m eile a shàbhaladh an ath-bhliadhna, agus tha iad a' toirt cothrom do luchd-obrach an cosnadh fhàgail gu saor-thoileach, no gabhail ri uairean-obrach nas giorra. Tha £5m de ghearraidhean ro Chomhairle nan Eilean Siar, a thuir gun toir sin buaidh air cosnaidhean agus seirbheisean, agus gun tòisich co-chomhairleachadh air na gearraidhean a tha sin tràth an ath-bhliadhna.

Dòmhnach na Fala

Shoirbhich le seachdnar a bha nan saighdearan ann an Rèiseamaid nam Paraisiut le tagradh laghail co-cheangailte ri marbhadh Dòmhnach na Fala ann an 1972. Bha iad a' tagradh an aghaidh òrdugh airson an cur gu ceasnachadh ann an Èirinn a Tuath. Thuirt an Àrd-Chùirt ge-tà, gu bheil cead ann an ceasnachadh air mòr-thìr Bhreatainn. Tha Seirbheis Poilis Èireann a Tuath a' rannsachadh an do rinn na saighdearan eucoir nuair a chaill 14 duine am beatha ann an Doire ann an 1972.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha a h-uile dùil gun cuir àrd-choinneamh nan ceannardan Eòrpach sa Bhruiseil an-diugh an aghaidh an atharrachaidh a tha Dàibhidh Camshron ag iarraidh ann an càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach. Thuirt oifigich gun deach adhartas a dhèanamh ann an cuid de chùisean, ach gu bheil mòran fhathast an aghaidh phlana Mhgr Chamshroin airson casg air sochairean do luchd-imrich a Bhreatainn.

Taigh nam Morairean

Tha Dàibhidh Camshron a' gluasad air adhart le casg air cumhachd Thaigh nam Morairean, aig a bheil cead an-dràsta stad a chur air reachdas ris an do ghabh Taigh nan Cumantan. Tha am Prìomhaire a' dèanamh seo an dèidh dha na Morairean cur às, anns an Damhar, do phlana an Riaghaltais airson sochair nan creideasan cìse a ghearradh.

Tidsearan

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach biodh e gu feum do dhuine sam bith tidsearan a bhith a' seachnadh pàirt de an obair. Tha an t-aonadh luchd-teagaisg as motha an Alba, an EIS, ag ràdh gu bheil iad a' sìor fhaighinn taic airson iomairt ghnìomhachais, agus tidsearan a' gearain gu bheil cus obrach aca.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Rinn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid adhartas ged a tha tuilleadh a dhìth fhathast a rèir aithisg ùir do Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba. Ann an 2013 thuirt Sgrùdadh Alba gun robh àimhreit phoileataigeach anns a' Chomhairle a' toirt droch bhuaidh air stiùireadh agus dòighean-obrach. Ach tha an aithisg ùr an-diugh ag ràdh gun deach adhartas mòr a dhèanamh on uair sin.