Plana leudachaidh airson Muileann Shiaboist

  • 15 An Dùbhlachd 2015
Muileann Shiaboist Image copyright Clò Mòr Innse Gall
Image caption Muileann Shiaboist le Clò Mòr Innse Gall

Tha dùil gum bi suas ri deich cosnaidhean ùra aig Clò Mòr Innse Gall, an lùib leasachaidh air a' mhuilinn ann an Siabost.

Tha a' chompanaidh a' sùileachadh £1.8m a chosg a' leudachadh na muilne, an dèidh taic airgid luach £300,000 fhaighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Chan eil ach ochd bliadhna bho chaidh Clò Mòr Innse Gall a stèidheachadh.

Choisinn a' chompanaidh duaisean gu leòr agus cliù air feadh an t-saoghail san ùine sin.

Tha fèill mhòr air an aodach air feadh an t-saoghail agus an t-iarrtas air a shon air fàs gu mòr anns an dà bhliadhna a dh' fhalbh.

Tha mu thràth 200 duine ag obair dhaibh - eadar breabadairean agus luchd-obrach na muilne.

Tha iad an dòchas gun tèid aca air obair a chruthachadh do dheichnear eile mar phàirt den obair leasachaidh san ath bhliadhna gu leth.