Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fànais

Tha fear-fànais Breatannach air fear de sgioba a tha a' dèanamh air an Stèisean Fànais Eadar-Nàiseanta an-diugh ann an rocaid Ruiseannach. Bidh am Mèidsear Tim Peake sia mìosan an sin a' riochdachadh Buidheann Fànais na h-Eòrpa. Tha an soitheach Soyuz a' falbh à Casagstan dìreach mun àm seo fhèin.

Siria

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, ann am Mosgo an-diugh 's e ag amas air stad a chur air cogadh sìobhalta ann an Siria. Tha Mgr Kerry agus an Ceann-Suidhe Putin a' feuchainn air aonta air cò na buidhnean aig am bi pàirt ann an còmhraidhean sìthe.

Ceannairc

Dh'ainmich Saudi Aràibia caidreachas de 34 dùthchannan mòr-chuid Muslamach a nì strì armaichte an aghaidh cheannairc. Thuirt oifigich Shaudi gun tèid an caidreachas a' stiùireadh às a' phrìomh bhaile Riyadh.

Ìre na h-Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd gu 0.1% air a' mhìos a chaidh. Tha na figearan an-diugh bho chlàr cheannaich an CPI ag ràdh gun deach an atmhorachd suas anns an t-Samhain, bho -0.1% anns an Damhar.

An t-Aonadh Eòrpach

Chaidh rabhadh do Dhàibhidh Camshron gum faillich air aonta fhaighinn air atharrachadh anns an Aonadh Eòrpach ron referendum air ballrachd Bhreatainn. Tha Buill-Phàrlamaid air Comataidh Sgrùdaidh na h-Eòrpa ag ràdh gum feum cunnraidhean an AE atharrachadh mus bi aonta ann, agus tha iad ag ràdh nach tachair sin ro dheireadh 2017.

Seirbheis Slàinte Sgitheanach

Tha ath-chuinge a' dol gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ag iarraidh air an Riaghaltas sùil sùil às ùr a thoirt air plana NHS na Gàidhealtachd airson seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich agus taobh siar-dheas Rois. Chuir Rùnaire na Slàinte a taic aig toiseach na bliadhna seo ris a' phlana fo am biodh ospadal ùr anns an Ath Leathann agus nas lugha de sheirbheisean aig Ospadal Phort Rìgh. Tha mòran, gu h-àraid an ceann a tuath an eilein, a' gearain mun phlana sin.

Pòsaidhean Aon-ghnèitheach

Chuir a' mhòr-chuid de chlèirean Eaglais na h-Alba taic ri cead do luchd-dreuchd a bhith ann am pòsadh aon-ghnè. Chaidh a' cheist a-mach gu 45 clèir an dèidh bhòta aig Àrd-Sheanadh na bliadhna seo. Cha tàinig dearbhadh fhathast bhon Eaglais air na h-àireamhan, ach gu bheil a' mhòr-chuid a' cur taic ris a' mholadh. Thèid a' chùis a dheasbad a-rithist aig Àrd-Sheanadh na h-ath-bhliadhna.