Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìs na Comhairle

Chaidh aithisg a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh le diofar roghainnean airson cìse ùire an àite na Cìse Comhairle. Chan eil an rannsachadh, a chaidh iarraidh do Riaghaltas na h-Alba agus COSLA a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail, a' moladh aon chìse ùire sam bith seach gin eile, ach ag amas air beachdan a chur ris an deasbad ron taghadh an ath-bhliadhna.

Sochairean

Thuirt Comataidh nan Sochairean ann am Pàrlamaid na h-Alba gum feum gluasad air falbh o a bhith a' toirt droch chliù mar leisgeadairean a tha a' seachnadh obrach do dhaoine a tha a' faighinn shochairean. Thuirt a' Chomataidh gum feum beachdan atharrachadh gus am bi daoine a th' ann an siostam nan sochairean a' faighinn spèis mar a tha euslaintich ann an Seirbheis na Slàinte.

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Tha Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, a' fàgail air luchd-poileataigs Làbarach gu bheil iad a' cur car anns an fhìrinn mu dhùnadh Drochaid Rathaid Fhoirthe airson buannachd phoileataigeach dhaibh fhèin. Thuirt na Làbaraich an-dè gum feum am fiosrachadh gu lèir mu chàradh na drochaid fhoillseachadh gu poblach.

An Èipheit

Thuirt oifigich anns an Èipheit nach d' fhuair iad dearbhadh sam bith air ceannairc anns a' chiad phàirt den rannsachadh air a' phlèana Ruiseannach a thàinig a-nuas ann am Fàsach Shinai anns an Damhair. Tha an Ruis agus na dùthchannan an iar ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun robh boma air an itealan. Tha IS ag ràdh cuideachd gun do chuir iadsan boma air a' phlèana.

Seirbheisean Adhair

Tha fear de chomhairlichean nan Eilean Siar ag iarraidh inbhe phoblaich PSO air seirbheisean adhair na sgìre gu lèir. Chan eil an inbhe sin ach aig beagan de sheirbheisean nan eilean an-dràsta, agus tha Dòmhnall Manford a bha na Chathraiche Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, ag ràdh gum biodh seirbheisean gu math nas fheàrr le òrdugh PSO mun coinneimh uile.

Bòrd na Gàidhlig

Tha Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal, ag ràdh nach bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith a' gabhail thairis obair anns a bheil buidhnean Gàidhlig eile an sàs. Tha buidheann taic an luchd-ionnsachaidh, CLÌ, an cunnart a dhol à bith, agus Bòrd na Gàidhlig am beachd sguir de thaic-airgid dhaibh. Thuirt Hamish Friseal gu bheil sin a' togail cheistean mu dhòighean-obrach a' Bhùird.