Beachdan gan sireadh air seirbheisean adhair

  • 11 An Dùbhlachd 2015

Tha beachdan gan sireadh air seirbheisean adhair eadar eileanan na h-Alba agus Tìr-Mòr.

Chaidh an sgrùdadh a chur air dòigh le comhairlean eileanach agus a' bhuidheann HITRANS.

Tha iad airson beachd fhaighinn air mar a tha an dà chuid eileanaich agus luchd-turais a' cleachdadh sheirbheisean adhair airson faighinn gu Tìr-Mòr.

Dh'iarradh cuideachd gun innseadh daoine dhaibh dè na h-atharrachaidhean a lùigeadh iad fhaicinn.

Gearainean

Tha seo a' tachairt 's mòran ghearainean air a bhith ann bho chionn ghoirid mu sheirbheisean na companaidh Loganair le dàil air seirbheisean agus trioblaidean teicnigeach.

Thog aonadh nam pìleatan, BALPA, dragh bho chionn beagan mhìosan mu stait nam plèanaichean aig Loganair.

Chuir Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, a tha cuideachd na iar-chathraiche air HITRANS, ìmpidh air eileanaich an cuid bheachdan a chur a-steach.

"Tha mise a' cur fàilte air o chionn 's gun tèid fios a chur chun nan ùghdarrasan agus gu Loganair 's Flybe air dè gu cinnteach a tha a' tachairt an seo - mura h-eil fios aca air ron seo".

"Tha sinne air a bhith a' gearain air seo bho chionn ghreis mhath a-nis agus cha robh sinn a' faighinn a dh'àite agus tha mi a' smaoineachadh gur e cothrom math a bhios an seo dha daoine a tha a' fuireach 's daoine a tha a' falbh 's a' tighinn 's luchd-turais am beachdan a chur air adhart".

Dh'aidich riochdaire bho Loganair aig coinneimh le Fòram Còmhdhail Ìle an t-seachdain seo nach eil an t-seirbheis dhan eilean air a bhith math gu leòr.

Thuirt e gur e dìth innleadairean an Glaschu a bu choireach agus gu bheil iad air luchd-obrach a bharrachd fhastadh a-nis.

Bidh an sgrùdadh, a tha ga dhèanamh le SurveyMonkey, fosgailte chun 3mh là den Fhaoilleach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile