Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atharrachadh na Sìde

Tha dùil ri dreach de dh'aonta a-màireach bho na còmhraidhean ann am Paris mu atharrachadh san t-sìde. Tha còir aig a' choinneimh de mhinistearan bho air fadh an t-saoghail crìochnachadh an-diugh, ach thèid a leudachadh. Thuirt Ministear Cèin na Frainge, Laurent Fabius, gu bheilear gu math faisg air aonta a ruighinn.

Puirt-adhair

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail aig Westminster, Pàdraig MacLachlainn, gum faodadh an Riaghaltas taic a chur ri raon-laighe ùr aig Gatwick, seach Heathrow. Cho-dhùin aithisg as t-Samhradh gur e raon-laighe ùr aig Heathrow as fheàrr. Ach thuirt an Riaghaltas an-raoir nach deadh co-dhùnadh a dhèanamh air a' chùis chun na h-ath-bhliadhna. Chaidh an co-dhùnadh sin a chàineadh le luchd-gnìomhachais agus luchd-poileataigs.

Heileacoptair

Tha e air tighinn am bàrr gum b' fheudar do phìleat heileacoptair nam Maor-Cladaich an t-itealan a ghluasad gu h-obann nas tràithe am-bliadhna 's e an dùil gun robh plèana cogaidh Aimeireaganach an impis bualadh ann. Thachair a' chùis agus criubha an heileacoptair an sàs ann an iomairt os cionn Beinn Nibheis. Riaghail bòrd-sgrùdaidh nach robh cunnart ge-tà air a bhith ann gum bualadh na h-itealain na chèile.

Seirbheisean Adhair

Tha iarrtas ann gun nochd muinntir nan Eilean am beachdan air seirbheisean adhair anns an sgìre aca, agus sgrùdadh ga dhèanamh orra an-dràsta. 'S iad na buidhnean HiTrans, SetTrans, agus Comhairle na h-Alba airson Leasachadh agus Gnìomhachas a th' air cùl an sgrùdaidh air an eadar-lìon. Tha e a' tighinn agus dragh mòr air a bhith ann bho chionn ghoirid mu sheasmhachd sheirbheisean na companaidh Loganair.

CLÌ Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi a' bhuidheann CLÌ Gàidhlig a' cuideachadh le foghlam Gàidhlig do dh'inbhich an ath-bhliadhna, 's ceist ann mu na tha an dàn dhan bhuidhinn. Tha CLÌ Gàidhlig ag ràdh gu bheil iad ann an cunnart a dhol à bith buileach 's am Bòrd a' dol a sguir gam maoineachadh mar a chleachd. Thuirt am Bòrd gu bheil iad ag obair air ro-innleachd ùir airson inbheach agus gum biodh iad an dòchas gun cuidich CLÌ le sin còmhla ri buidhnean eile.

Bàt-aiseag Ùr

Tha bàt-aiseig ùr le Caledonian Mac a' Bhiuthainn ga cur air bhog air Chluaidh an-diugh. 'S e eathar haidhbrid a th' innte, amr an MV Halaig a tha a' ruith eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh an Catriona a thogail mar a chaidh na dhà eile de a sheòrsa aig Gàradh MhicFhearghais air Chluaidh. Chan eil e soilleir fhathast ge-tà cò an t-slighe air am bi i.

Druim na Drochaid

Thèid ionad meidigeach ùr Druim na Drochaid fhosgladh gu h-oifigeil an ceartuair. Chosg an togalach ùr cha mhòr £2m agus bheir e cothrom do mhuinntir na sgìre air sreath de sheirbheisean slàinte air an aon làraich.