CLÌ Gàidhlig "an cunnart a dhol à bith"

  • 10 An Dùbhlachd 2015
Suaicheantas CLÌ Gàidhlig
Image caption Thàinig an naidheachd ann an aithisg bhliadhnail manaidsear na buidhne

Tha CLÌ Gàidhlig - a' bhuidheann a tha a' seirbheiseachadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig - ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid iad à bith seach gu bheil Bòrd na Gàidhlig a' dol a sguir gam maoineachadh.

Tha seo a' cur ris an àireimh bhuidhnean is phròiseactan Gàidhlig a tha air a dhol - no a tha dùil a thèid - às an t-sealladh.

Chaidh cur às dhan bhuidhinn TAIC (Comhairle nan Sgoiltean Àraich, mar a bh' oirre) nuair a tharraing am Bòrd an t-airgead bhuapa, agus tha am Bòrd fhèin a-nis air stiùireadh foghlaim fo aois sgoile a ghabhail os làimh.

Ron sin, chaidh an iris An Gàidheal Ùr à bith an dèidh dhan Bhòrd stad a chur air an taic-airgid aca.

B' fheudar do ChLÌ sguir den iris a bha iad a' foillseachadh do luchd-ionnsachaidh - Cothrom - ron seo cuideachd an dèidh lùghdachadh taic bhon Bhòrd.

Dh'innis stiùiriche Phròiseact nan Ealan bho chionn ghoirid gu bheil dùil aca-san gun tèid iad à bith a dh'aithghearr cuideachd agus Alba Chruthachail air an sporran a dhùnadh orra.

Coltas a dhol à bith

Thàinig an naidheachd mu ChLÌ Gàidhlig - Comann an Luchd Ionnsachaidh, mar a bh' orra an toiseach - ann an aithisg bhliadhnail manaidseir na buidhne.

Sgrìobh Màiri Nic IllFhinnein anns an aithisg gu bheil suidheachadh ionmhais ChLÌ a-nis aig ìre èiginnich: "Tha an gnothach seo a' fàgail CLÌ ann an suidheachadh glè dhuilich oir chan eil sinne a' toirt a-steach gu leòr a chumas a' dol sinn."

Anns an eadar-theangachadh Bheurla a tha an cois na h-aithisg tha na briathran nas làidire buileach: "This situation leaves CLÌ very vulnerable and unlikely to survive."

Tha Màiri Nic IllFhinnein a' leantainn anns an aithisg chun a' Bhùird-Stiùiridh aig CLÌ agus gu na buill: "Tha mi duilich gum feum mi na tha seo a ràdh ris a' Bhòrd-Stiùiridh agus sibhse a tha nur buill de ChLÌ...gu bheil an sgeul cho dubh, ach 's e sin mar a tha cùisean. "

Atharrachadh

Tha CLÌ ag ràdh gun tug Bòrd na Gàidhlig "tur atharrachadh" air an dòigh san robh iad a' maoineachadh na buidhne ann an 2015/16, oir aig toiseach na bliadhna ionmhais seo cha d' fhuair CLÌ ach cùmhnant trì mìosan, seach cùmhnant bliadhna mar a chleachd - suas gu deireadh na h-Òg-mhìos 2015.

Às dèidh sin, bha CLÌ gun taic-airgid idir bhon Iuchar.

Ach tha iad a-nis air maoineachadh de £60,000 aontachadh leis a' Bhòrd suas gu deireadh a' Mhàirt 2016, ach tha iad ag ràdh gun do rinn am Bòrd soilleir dhaibh nach biodh an còrr ann às dèidh sin.

"Tha Bòrd na Gàidhlig air a dhèanamh soilleir nach tèid an còrr taic mar thabhartas cuideachaidh a thabhainn air CLÌ," tha am manaidsear a' sgrìobhadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil Bòrd na Gàidhlig am beachd "farpais fhosgailte" a chur air dòigh airson cùmhnantan a thoirt seachad airson cùrsaichean Gàidhlig a shìneadh do dh'inbhich, ach nach eil cinnt cuin a thachras sin.

Ged a bhiodh CLÌ an dòchas a bhith ann an suidheachadh pàirt a ghabhail anns an fharpais sin, chan eil cinnt aca gum bi iad ann airson sin a dhèanamh.

Thuirt Bhòrd na Gàidhlig ann an teachdaireachd chun a' BhBC: "Tha Bòrd na Gàidhlig an-dràsta a' toirt taic-airgid do Chlì Gàidhlig gus cuideachadh le trì pròiseactan: prògram ionnsachaidh Gàidhlig do dh'inbhich; an goireas eadar-lìn air leth soirbheachail, Learngaelic.scot, a bhios a' toirt fiosrachadh is taic do luchd-ionnsachaidh; agus taic don iris air-loidhne, Cothrom Ùr. Tha am maoineachadh seo a' leantainn gu Màrt 2016.

"Tha sinn an-dràsta a' cur crìoch air ar ro-innleachd airson inbhich agus foghlam leantainneach agus tha sinn an dòchas gun urrainn do Chlì Gàidhlig cuideachadh le sin ann an 2016, còmhla ri diofar bhuidhnean eile.

"Tha sinn cuideachd a' feitheamh ri fios a thaobh dè am maoineachadh a gheibh Bòrd na Gàidhlig fhèin agus nuair a gheibh sinn dearbhadh air sin bidh fios againn air dè am maoineachadh a bhios againn airson an ro-innleachd sin agus poileasaidhean eile.

"Chaidh seo uile innse do Chlì aig coinneamh air leth feumail a chùm sinn còmhla riutha as t-fhoghar agus aon uair 's gu bheil sinn ann an suidheachadh far an urrainn dhuinn barrachd innse dhaibh, nì sinn sin. "

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile