Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Chaidh an àireamh as motha riamh de dhaoine a chur an grèim ann am Breatainn fo amharas mu cheannairc air a' bhliadhna suas gu deireadh an t-Sultain. Tha na figearan o Oifis na Dùthcha ag ràdh gun deach 315 duine a chur an grèim anns an ùine sin, suas an treas cuid air a' bhliadhna rona sin. Chaidh an àireamh bhoireannach agus chloinne a bha nam measg suas gu mòr.

A' Phòlainn

Dh'innis Prìomhaire na Pòlainn do Dhàibhidh Camshron nach eil i ag aontachadh idir ris gum bu chòir casg a chur air sochairean do dh'in-imrichean bho thaobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich. Tha Mgr Camshron ann an Warsaw a' feuchainn ri taic fhaighinn dhan ath-leasachadh a tha esan ag iarraidh air an AE ro referendum air ballrachd Bhreatainn anns an aonadh. Thuirt Mgr Camshron gu bhel a' Phòlainn ag iarraidh Breatainn a chumail anns an AE, agus gun tig iad gu aonta fiù 's air na cuspairean as doirbhe mar in-imreachd agus sochairean.

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Thuirt a' bhuidheann Amey a tha a' ruith Drochaid Rathaid Fhoirthe gu bheil iad an dòchas gum bi i fosgailte a-rithist ro dheireadh na mìos seo. Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad a' togail clàir an-dràsta gus am bi e nas fhasa do luchd-obrach faighinn dhan phàirt de structar na drochaid a dh'fheumas iad a chàradh le plèata stàilinn ùr.

MacIlleMhìcheil

Tha Alasdair MacIlleMhìcheil, Ball Lib-Deamach Arcaibh is Shealtainn ann an Westminster, fhathast fo rannsachadh aig Coimiseanair Modh na Pàrlamaid, ged a chuir Cùirt an Taghaidh às do thagradh na aghaidh. Bha ceathrar de mhuinntir na sgìre a' gearain gun do dh'innis Mgr MacIlleMhìcheil breugan mun fhiosrachadh a sgaoil e ron Taghadh Choitcheann am-bliadhna mu Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon. Ged a ghabh na britheamhan ris gun do dh'innis e breugan, thuirt iad nach do rinn e dad mì-laghail.

Earra-Ghàidheal

Tha comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal a' beachdachadh an-diugh air àireamh nan tidsearan a ghearradh mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Tha comhairlichean ag ràdh nach eil mòran roghainn aca mura toir Riaghaltas na h-Alba aithne dha na trioblaidean sònraichte a tha mu choinneimh sheirbheisean foghlaim ann an sgìrean iomallach.

Loganair Ìle

Dh'aidich Loganair aig coinneimh Fòram Còmhdhail Ìle an-raoir nach eil an t-seirbheis air a bhith math gu leòr. Thuirt riochdaire na companaidh gur e gainnead einnsinìr ann an Glaschu a bu choireach, ach gu bheil iad air luchd-obrach fhastadh mu choinneimh sin. Ach cha do ghabh e idir ri gearain gun robh cion-àite air na h-itealain as t-Samhradh, gu h-àraid do dhaoine a bha a' siubhail dhan ospadal.

Lùth-chleasachd

Tha luchd-casaid anns an Fhraing a' rannsachadh mar a thug Buidheann Lùth-chleasachd na Cruinne (IAAF) farpaisean na Cruinne ann an 2021 do bhaile Eugene anns na Stàitean Aonaichte. Chaidh an fharpais a thoirt dhan bhaile ann an Oregon, aig a bheil ceanglaichean ris a' chompanaidh spòrs NIKE, gun phròiseas tagraidh foirmeil den t-seòrsa as àbhaist a bhith ann. Air a' mhìos a chaidh, gheàrr ceann-suidhe an IAAF, am Morair Coe, a cheanglaichean ri NIKE. Thuirt esan an-diugh gun deach a h-uile dad a dhèanamh mar a bu chòir.