Gearradh luchd-teagaisg an Earra-Ghàidheal

  • 10 An Dùbhlachd 2015
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Beachdaichidh comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd Diardaoin air moladh gus àireamh nan tidsearan anns an sgìre a ghearradh.

Feumaidh a' Chomhairle £26m a shàbhaladh eadar seo is 2021.

Fo na planaichean seo, dh'fhaodadh gum falbh 36 dreuchd tidseir ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Aonta

Bhrist a' Chomhairle mar thà aonta le Riaghaltas na h-Alba gus an àireamh de thidsearan a rèir na th' ann de sgoilearan a chumail aig an aon ìre 's a bha e ann an 2014/15.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach deach aca air an targaid a ruighinn a dh'aindeoin "oidhirp mhòir".

Thuirt iad gum bi neach-teagaisg ann 'son gach clas ann an Earra-Ghàidheal ann an 2015/16.

Tha dragh orra ge-tà, gun caill iad maoineachadh bhon Riaghaltas leis gun do bhrist iad an t-aonta.

Tha taic-airgid £51m ann do dh'ùghdarrasan a choileanas targaid an Riaghaltais.

Barrachd

Thuirt a' Chomhairle gu bheil, fon lagh, barrachd luchd-teagaisg aca na dh'fheumas.

Dh'fhaodadh iad 36 dreuchd a ghearradh gus £1.57m a shàbhaladh.

Thuirt iad gun dèanadh sin cothromachadh air an airgead a chailleadh iad bhon Riaghaltas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile