Ceangal ùr le Amsterdam

  • 9 An Dùbhlachd 2015
KLM

Tòisichidh ceangal ùr eadar Inbhir Nis is Amsterdam bhon Chèitean 2016.

'S iad a' chompanaidh Dhuidseach, KLM, a tha air cùl na seirbheis ùire gu Schipol.

Thuirt KLM gu bheil iad gu math misneachail mun t-slighe is gu bheil dùil aca a bhith stèidhichte ùine mhòr ann an Inbhir Nis.l

Tha seirbheis mar thà aig Flybe eadar Inbhir Nis is Amsterdam.

Cudromach

Tha an ceangal ga mheas glè chudromach dhan Ghàidhealtachd is seirbheisean air feadh an t-saoghail a' falbh à Amsterdam.

Thàinig an naidheachd dìreach seachdainnean às dèidh do Bhritish Airways innse gun tòisich iadsan seirbheis às ùr eadar Inbhir Nis is Heathrow ann an 2016.

An-dràsta 's ann gu Gatwick is Luton a tha seirbheisean Inbhir Nis a' dol.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile