Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

MacIlleMhìcheil

Thuirt Cùirt an Taghaidh ann an Dùn Èideann nach eil cùis ann an aghaidh Alasdair MhicIlleMhìcheil, Ball Arcaibh agus Shealtainn ann am Pàrlamaid Westminster. Thog ceathrar de mhuinntir na sgìre sin cùis-lagha na aghaidh 's iad a' fàgail air gun do dh'innis e breugan mun fhiosrachadh a sgaoil e ron Taghadh Choitcheann am-bliadhna mu Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon. Ach thuirt na britheamhan nach gabh dearbhadh gun do rinn Mgr MacIlleMhìcheil dad mì-laghail.

Paris

Thuirt poilis ann am Paris gu bheil fios aca a-niste cò an treas bomair fèin-mhairbhteach a thug ionnsaigh air talla-ciùil Bataclan air a' mhìos a chaidh. B' e Foued Mohamed-Aggad, a bha 23 bliadhna de dh'aois, agus a bhuineadh do Strasbourg. Thuirt na Poilis anns an Fhraing gu bheil dearbhadh aca gun do shiubhail e gu ruige Siria bho chionn dà bhliadhna.

Drochaid-Rathaid Fhoirthe

Tha cuideam a' sìor-fhàs air Riaghaltas na h-Alba airson làn-rannsachadh air dùnadh Drochaid-Rathaid Fhoirthe. Tha luchd-poileataigs dùbhlanach ag ràdh gun deach fiosrachadh teicnigeach a thabhann orra, ach tha iad ag iarraidh làn-rannsachaidh. Tha an Riaghaltas ag ràdh gur ann bho chionn ghoirid a thàinig an sgàineadh anns an drochaid am follais, agus nach e cion-airgid airson cumail is càradh na drochaid as coireach.

Prìs a' Chonnaidh

Tha an RAC den bheachd gun tuit prìs a' pheatroil agus diesel fo £1 an liotair ro dheireadh na bliadhna. Tha prìs na h-ola gu h-eadar-nàiseanta an-dràsta aig an ìre as lugha ann an seachd bliadhna.

Beàrnaraigh Leòdhais

Tha cunnart ann gun caill muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais an t-airgead a fhuair iad airson an talamh a cheannach, agus eas-aonta ann mu luach na h-oighreachd. Tha a' choimhearsnachd a' tabhann £70,000 air Beàrnaraigh Mòr is Beàrnaraigh Beag, a bha fad 50 bliadhna aig a' Chount Robin de la Lanne Mirlees. Ach tha a mhac-san a-niste a' dèanamh dheth gum faigheadh e tòrr a bharrachd air a' mhargaid fhosgailte.

Schiphol

Bidh seirbheis adhair ùr làitheil eadar Inbhir Nis agus Amsterdam a' tòiseachadh an ath-bhliadhna. Bidh na seirbheisean aig KLM gu port-adhair Schiphol a' tòiseachadh anns a' Chèitean, a' toirt cothrom do luchd-siubhail air ceangal ri seirbheisean eadar-nàiseanta.