Beàrnaraigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eas-aonta mu luach Bheàrnaraigh Bhig

8 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cunnart ann gun caill muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais an t-airgead a fhuair iad 'son an talamh a cheannach air sàilleamh eas-aonta mu luach na h-oighreachd.

Tha a' choimhearsnachd a' tabhann £70k son Beàrnaraigh Mòr 's Beàrnaraigh Beag a bha fad 50 bliadhna aig Count Robin de la Lanne Mirlees.

Ach tha a mhac a' dèanamh dheth gum faigheadh e barrachd air a' mhargaidh fhosgailte.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.