Sgoil Ghàidlig Loch Abar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Togail don Ghàidhlig ann an Loch Abar

7 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar mu thràth air togail a thoirt dhan chànan san sgìre, a rèir ceannard na sgoile.

Bha Iain Iosaph MacNèill a' bruidhinn agus nas lugha na ceithir mìosan ann bhon a dh'fhosgail an sgoil ùr ann an Caol a' Ghearasdain.

Chaidh latha fosgailte a chumail san sgoil air an deireadh sheachdain agus chaidh am fear-naidheachd againn, Andreas Wolff, cuairt a choimhead oirre.