Gob a' Ghallainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Adhartas aig Gob a' Ghallainn

3 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ràinig planaichean airson ionad-rannsachaidh speuran is mara ann an Ùig an Leòdhas clach-mhìle chudromach.

Fhuair Urras Gob a' Ghallainn £250,000 - a leigeas leotha seann ionad an RAF a cheannachd.

Bha dùil aca nach b' urrainn dhaibh a dhol air adhart aig aon ìre leis nach robh an MoD deònach an obair-glanaidh a dhèanamh.

Tha iad a-nise dòchasach gun d' fhuair iad dòigh faighinn seachad air a' chnap-starra sin.