Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha sia plèanaichean cogaidh air sgèith à RAF Inbhir Lòsaidh airson a dhol an sàs anns na h-ionnsaighean adhair an aghaidh na buidhne IS ann an Siria. Tha iad a' dol gu RAF Akrotiri ann an Cìopras, 's bidh iad stèidhichte an sin airson iomairt Shiria. Tron oidhche thug plèanaichean a bha mar thà ann an Cìopras ionnsaigh air raointean ola a tha fo smachd na buidhne IS air taobh sear Shiria.

Pistorius

Ann an Afraga a Deas dh'atharraich Prìomh Chùirt nan Ath-thagraidhean diteadh Oscar Phistorius airson marbhadh le coire, gu diteadh muirt. Bha luchd-casaid na stàite air ath-thagradh a dhèanamh gum b' e murt a bh' ann nuair a loisg e air a leannan, Reeva Steenkamp. Chaidh Pistorius a leigeil a-mach às a' phrìosan air a' mhìos a chaidh, agus tha e an grèim aig an taigh fo bhinn còig bliadhna. Feumaidh e a-nise tilleadh dhan Chùirt airson binn ùir, 's dh'fhaodadh gun tèid a thilleadh dhan phrìosan.

Alan Yentob

Tha Stiùiriche Cruthachail a' BhBC, Alan Yentob, a' leigeil dheth a dhreuchd an dèidh buairidh mun phàirt a bh' aige anns a' charthannas Kids' Company. Bha Mgr Yentob na chathraiche air urrasairean na buidhne connspaidich a chaidh fodha ann am fiachan. Thuirt e gun robh e air co-dhùnadh àrd-dhreuchd aig a' BhBC fhàgail, ach bidh e fhathast ag obair air prògraman.

California

Tha poilis ann an California a' feuchainn ri dhèanamh a-mach dè thug air fear is bean an an San Bernardino 14 duine a mharbhadh. Chaidh losgadh air na daoine aig ionad sheirbheisean sòisealta sa bhaile. Tha coltas gur e fear a bha ag obair ann, Syed Farook, agus a bhean Tashfeen Malik, a loisg orra. Mharbh na Poilis an uair sin an dithis acasan.

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Cha bhi ach aon shlighe gach taobh fosgailte air Drochaid Linne Fhoirthe gu co-dhiù meadhan là an-diugh. Chaidh an rathad a deas a dhùnadh a' bhòn-raoir an dèidh do laigse nochdadh anns an stàilinn. Tha innleadairean ag obair oirre, ach thuirt iad gu bheil ochd àiteachan eile air an drochaid far am faodadh laigse den aon sheòrsa a bhith.

Oighreachd a' Chrùin

Tha iomgain air Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar nach tèid maoin Oighreachd a' Chrùin air fad a chur fo smachd nan trì comhairlean eileanach mar a chaidh a ghealltainn. Thèid sealbh a thoirt do na comhairlean eileanach orra fo mholaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn. Ach tha Aonghas Caimbeul ag ràdh gu bheil coimiseanairean a' Chrùin a' dèanamh an dìcheill na ghabhas a chumail aca fhèin.

Craoladh Gàidhlig

Bu chòir dhan t-Seansalair, Seòras Osborne, sùil eile a thoirt air a' cho-dhùnadh £1m a ghearradh bho chraoladh Gàidhlig, a rèir Chathraiche Comataidh Ghàidhlig Comhairle nan Eilean Siar. Bha Iain A. MacÌomhair a' bruidhinn an dèidh do faisg air 2,000 duine an ainm a chur ri ath-chuinge a' càineadh co-dhùnadh an t-Seansalair. Thuirt Mgr MacÌomhair, ged is e suim bheag a tha seo am measg nam mìltean bhilleanan a tha an Seansalair a' làimhseachadh, gu bheil e mòr agus cudromach dhan Ghàidhlig.