Duais ùr mar chuimhne air "Prionnsa na h-Iomain"

  • 1 An Dùbhlachd 2015
Duais Iomain Image copyright Uisdean MacIllinnein
Image caption Bidh an duais mar chuimhne air an t-sàr-chluicheadair, an Dr. Seonaidh Catannach.

Dh'fhoillsich Cluba Iomain Oilthigh Dhùn Èideann duais ùr airson cluicheadair na bliadhna aca.

Bidh an duais mar chuimhne air an Dr. Seonaidh Catannach, à Baile Ùr an t-Slèibh, a tha air fhaicinn mar fhear de na cluicheadairean a b' fheàrr a bh' ann riamh.

Cheumnaich Seonaidh Catannach bho Oilthigh Dhùn Èideann na dhotair ann 1912.

Chaidh a mharbhadh aig Gallipoli anns a' Chiad Chogadh ann an 1915.

Prionnsa na h-Iomain

Bha an Dr. Catannach math air diofar spòrsan, ach 's ann mar shàr-chluicheadair iomain a bha e gu h-àiridh aithnichte air a' Ghàidhealtachd.

Ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an Glaschu ann an 1909 rinn am Bail' Ùr a' chùis air an Fhùirneis 11-3.

Fhuair an Dr. Catannach ochd de na tadhail sin, barrachd thadhal na fhuair duine riamh anns a' chuairt dheireannaich.

'S ann ri linn gheamannan mar sin a fhuair e cliù mar "Phrionnsa na h-Iomain".

Chaidh an duais fhoillseachadh leis an Oll. Rob Dunbar bho Roinn na Gàidhlig agus na h-Albais aig comharrachadh bliadhnail Là Naoimh Anndrais an oilthighe, a chaidh a chumail ann an Leabharlann a' Phlayfair Diluain.

Bidh an duais air a toirt seachad don chluicheadair iomain 's fheàrr aig an oilthigh gach bliadhna bho 2016.

Thèid cuideachd òraid bhliadhnail co-cheangailte ri iomain a chumail.

Bidh an òraid sin ann an Gàidhlig a h-uile dara bliadhna.

Thèid cuirm shonraichte a chumail ann am Bail' Ùr an t-Slèibh, a' comharrachadh 100 bliadhna bho bhàs an Dr. Catannach agus cuideachd 125 bliadhna bho chaidh Cluba Iomain Bhail' Ùr an t-Slèibh a stèidheachadh.