Carthannas Linda Norgrove air £1m a thogail

  • 1 An Dùbhlachd 2015
Linda Norgrove Image copyright Bunait Linda Norgrove
Image caption Chaidh Linda Norgrove a mharbhadh anns an Damhair 2010.

Tha carthannas a chaidh a chur air bhonn mar chuimhne air boireannach à Leòdhas a chaidh a mharbhadh ann an Afganastan o chionn còig bliadhna air £1m a thogail.

Bha Linda Norgrove ag obair do bhuidhinn chobhair anns an dùthaich nuair a chaidh a toirt am bruid le reubaltaich san t-Sultain 2010.

Chaidh a marbhadh mìos às dèidh sin nuair a dh'fheuch feachdan Aimeireaganach ri a saoradh.

Tha Bunait Linda Norgrove mar thà air cuideachadh gus sgoil ùr a thogail an Kabul ann an Afganastan.

Cuideachadh

Tha a' bhuidheann cuideachd air sgoilearachdan oilthighe a thoirt do 44 nighean.

Chaidh an carthannas a chur air chois le pàrantan Ms Norgrove, John agus Linda, a tha fhathast a' fuireach ann an Leòdhas.

Dh'innis Mgr Norgrove dhan BhBC: "Thug e ar n-inntinn far bhàis Linda."

"Bidh an cràdh a' falbh mean air mhean ged nach falbh e gu tur gu bràth."

Thuirt a' Bh.Ph. Norgrove gun robh mòran den chloinn a tha an carthannas a' cuideachadh a' coimhead suas ri a nighinn.

Thuirt i cuideachd gun robh i a' creidsinn gum biodh beachd measgaichte aig Linda mu na bha a pàrantan a' dèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun gabhadh Linda iongnadh agus gum biodh i toilichte gu bheil sinn a' dèanamh rudeigin airson àite air an robh gaol aice a chuideachadh.

Lorg rannsachadh a rinn Breatainn agus na Stàitean Aonaichte gun deach Ms Norgrove a mharbhadh le greinèad a chaidh a thilgeil le saighdear Aimeireaganach a bha a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh oirre.