Ceann a' Ghiuthsaich sàbhailte

  • 29 An t-Samhain 2015
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Gàirdeachas - agus faochadh - do Cheann a' Ghiuthsaich Disathairne

Ghlèidh Ceann a' Ghiuthsaich an t-àite aca ann am Prìomh Lìog na h-iomain às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Cill Mhàillidh 2-0 aig Pàirc a' Bhucht.

Cha robh Raghnall Ros ann an sgioba Chinn a' Ghiuthsaich, ach air là fliuch fuar a bha cho fada bho iomain samhraidh sa ghabhas, b'e fear à teaghlach iomain aithnichte eile sa bhaile, Ryan Borthwick, as motha a rinn an diofar.

Thòisich Cill Mhàillidh a b'fheàrr is bha sreath de chothroman aca sa chiad leth.

Bhuail iad am maide-tarsainn is ged a dh'fhosgail iad loidhne-dìon Chinn a' Ghiuthsaich grunn thursan, dh'fhaillich orra sa pholl oidhirpean math fhaighinn air an targaid.

Frionasach

Bha coltas frionasach air Ceann a' Ghiuthsaich agus cha robh am blàr a' còrdadh riutha cho math, ged a bha iad nas cunnartaich san loidhne-aghaidh na bha Cill Mhàillidh nuair a bha am ball aca.

Thòisich an darna leth le urchair à Mìchael Rodger à Cill Mhaillidh a' dol oirleach no dhà seachad air a' phost.

Bha faireachdainn ann gun robh Cill Mhàillidh fhèin ag aithneachadh gun robh còir aca a bhith air thoiseach.

Eadar sin is an sgìths a bha a-nise gu follaiseach a' bualadh orra às dèidh dhaibh a bhith dà mhìos nan tàmh, dh'fhosgail an dorus do Cheann a' Ghiuthsaich.

Cothroman

Thòisich na cothroman a' tuiteam dhaibhsan is ann an 63 mionaidean, chaidh iad air thoiseach.

Thug Borthwick an car buileach à loidhne-dìon Chill Mhàillidh is stiùir e am ball do Bharry Dallas, a dhril dhan lìon e.

Cha b'fhada gus an tàinig an darna tadhal a chuir crìoch air a' gheama, Borthwick fhèin leis agus àite Chinn a' Ghiuthsaich sa Phrìomh Lìog air a ghlèidheadh.

Bha e coltach gur e faochadh as motha a bh' air Ceann a' Ghiuthsaich aig a' cheann thall is Borthwick ag ràdh às dèidh laimh gun robh làn fhios aca nach robh còir aca a bhith air faighinn san staing seo sa chiad dol a-mach.

Tàlant

Tha tàlant gu leòr san sgioba is leis gun d'fhuair iad às leis an turas seo, bidh iad ag amas air dèanamh tòrr nas fheàrr san lìog an ath-bhliadhna.

B'e bristeadh-dùil a bh' ann dha Cill Mhàillidh is aithreachas cuideachd nach d'fhuair iad tadhal nuair a bha làmh an uachdair aca, rud a bhiodh air an geama atharrachadh gu mòr.

Bha iad toilichte le mar a chluich iad ge-tà, agus leis gun do shoirbhich leis a' ghluasad aca aig AGM na Camanachd oidhche Haoine bidh dà sgioba a' dol suas dhan Phrìomh Lìog aig deireadh seusan 2016, gun feum air geama-dearbhaidh idir.

Bidh Cill Mhàillidh gu math misneachail gum bi iad fhèin nam measg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile