Nì MG ALBA dìon air prògraman BBC Alba

  • 27 An t-Samhain 2015
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Stiùiriche Leasachaidh MG ALBA, Isabail Nic An t-Sagairt

Thuirt MG ALBA gun cuir iad dìon air prògraman air BBC Alba, a dh'aindeoin 's gu bheil iad air taic-airgid a bha a' tighinn bho Riaghaltas Westminster a chall.

Thuirt Stiùiriche Leasaiche MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, gum biodh iad a' feuchainn ri bhith nas èifeachdaiche mar bhuidhinn.

Nochd e Diardaoin nach biodh Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs, an DCMS, tuilleadh a' leantainn le £1m sa bhliadhna a bha iad a' toirt do BhBC Alba.

Chaidh £2m a thoirt seachad eadar 2014 is 2016, taic-airgid a dh'fhoillsich Danny Alexander nuair a bha e na Àrd-Rùnaire air Roinn an Ionmhais.

Tha a' mhòr cuid de dh'airgead BBC Alba a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus bhon BhBC fhèin.

"Briseadh-dùil"

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt gur e briseadh-dùil a bh'ann do MG ALBA leis gu robh iad air a bhith a' dèanamh argamaidean ri ministearan agus oifigich an Riaghaltais.

Ach chaidh togail air a' mhì-chinnt a tha a' cuairteachadh suidheachadh-craolaidh na Rìoghachd Aonaichte an-dràsta.

"Feumar smaoineachadh air a' cho-theacsa; 's e àm gu math cugallach a th'ann an dà chuid a thaobh airgead agus a thaobh craoladh", thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt.

"Bidh sinne a' cumail a' dol a' bruidhinn ri DCMS a thaobh an t-suim airgid seo, ach cuideachd a thaobh na tha am BBC a' cur gu ruige BBC ALBA", thuirt i.

Co-chomhairle

Tha seo a' tighinn agus co-chomhairle air a bhith a' dol air cairt rìoghail a' BhBC.

Dh'iarradh MG ALBA gum biodh barrachd phrògraman ùra air an cruthachadh leis a' BhBC airson co-ionannachd a bhrosnachadh cuide ri seirbheisean mion-chànain eile.

Chuir iad seo an cèill ann an litir fhosgailte san t-Sultain.

Ach tha mì-thoileachas air a bhith a' cuairteachadh co-dhùnadh Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs.

Chaidh ath-chuinge a thòiseachadh mar-thà a' cur ìmpidh air Rùnaire a' Chultair beachdachadh a-rithist air an taic-airgid a thilleadh.