Dìth luchd-cùraim na èiginn

  • 27 An t-Samhain 2015
Cùram

Thàinig rabhadh nach bi coimhearsnachdan leithid Uibhist a Tuath seasmhach mura tèid dòigh fhaighinn air barrachd dhaoine fhastadh airson coimhead às dèidh seann daoine nan dachannan.

Chuala comhairlichean ann an Steòrnabhagh Diardaoin gu bheil 100 neach-cùraim nas lugha air feadh nan Eilean Siar a-nise na bha bho chionn dà bhliadhna.

Tha oidhirp ga dhèanamh barrachd dhaoine òga a thrèanadh le cùrsaichean trèanaidh ùra ann dhaibh.

Thathas a' feuchainn cuideachd ri cuid a bha uair ag obair nan luchd-cùraim a tharraing air ais.

Dragh

Nochd dragh a thaobh sin gu bheil cuid a bha a' toirt seachad cùram roimhe a-nise feumach air trèanadh is teisteanas is nach eil iad uile airson sin a dhèanamh.

"Tha duilgheadas ann air daoine fhaighinn a-staigh dhan obair 'son coimhead às dèidh daoine san dachaidh fhèin, gu h-àraid ann an sgìrean far a bheil an fheadhainn a tha a' coimhead às dèidh an fheadhainn a tha a-staigh, tha iad suas ann am bliadhnaichean cuideachd", thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan.

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil obraichean gann anns na h-Eileanan an Iar is ma tha teisteanas is turastal ann dha luchd-cùraim gur dòcha gun tarraing sinn barrachd dhaoine.

Thuirt e gu bheil cruaidh fheum air fuasgladh.

Mìneachadh

"Tha mi a' feuchainn ri mìneachadh dhan choimhearsnachd, mura dh'obraicheas an obair a tha a' dol air adhart an-dràsta, tha e a' dol a chur a' choimhearsnachd ann an duilgheadas far nach eil e seasmach.

"Mar a tha Uibhist a Tuath fhèin, tha a-nise, faodaidh tu ràdh, aon duine anns gach trì a tha 65 is barrachd.

"Anns na trì bliadhna mu dheireadh, chaidh crìonadh fhaicinn anns na h-aoisean eadar 15-19, 19-24 is 25-29.

"Cà bheil thu a' dol a dhol le sin? Chan eil sin seasamhach ann", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile