Cupa na Camanachd air ais am Port Rìgh

  • 26 An t-Samhain 2015
Cupa na Camanachd Image copyright SNS

Thill Cupa na Camanachd gu Port Rìgh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' comharrachadh 25 bliadhna bho bhuannaich iad prìomh dhuais na spòrs.

Chaidh na mìltean às an Eilean dhan Ghearasdan 'son na cuairt deireannaich Disathairne an 2mh den Òg-Mhìos 1990.

Cha robh na Sgitheanaich a-riamh air Cupa na Camanachd a bhuannachadh, gu dearbh b'e Cupa MhicThàmais ann an 1898 an cupa mòr mu dheireadh a bha iad air a thogail.

Bha cnap-starra mòr mun coinneamh an là ud sa Ghearasdan - Bail' Ùr an t-Slèibh, an sgioba as soirbheachail ann an eachdraidh na h-iomain.

Ged a bha na Sgitheanaich sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad turas, bha Bail' Ùr an t-Slèibh air a bhith ann 46 turas roimhe.

Bha manaidsear an Eilein, Ross Cowie, air sgioba mhath a chur ri chèile ge-tà, le poileasaidh nach cluicheadh ach an fheadhainn a bha a' trèanadh gu cunbhalach.

Tàlant

Bha tàlant gu lèor ann is le na balaich nas fut na bha iad a-riamh, shoirbhich leotha.

Thòisich an iomairt aca ann an Cill Targhlain far an do rinn iad a' chùis 4-1 air Lòbhat.

Chuir na Sgitheanaich an uairsin an ceòl air feadh na fidhle san dàrna chuairt nuair a thàinig Ceann a' Ghiuthsaich, a bha air Cupa na Camanachd a bhuannachadh ann an 1987, 1988 is 1989, a Phort Rìgh.

Bha Ceann a' Ghiuthsaich air na Sgitheanaich a phronnadh 17-0 ann an seusan 1988/89 ach bha cùisean air atharrachadh san Eilean.

An turas seo bha na Sgitheanaich ro mhath is iad a' cur Chinn a' Ghiuthsaich a-mach 3-1.

Rinn iad an uairsin an gnothach air a' Ghearasdan 4-2 às dèidh ùine a bharrachd.

Teth

Air là teth aig an Àird 'son na cuairt deireannaich, chaidh na Sgitheanaich air thoiseach tro Iain MacRath, ach thàinig tadhal air ais bho Bhail' Ùr an t-Slèibh ro leathach ùine.

Thàinig rocaid bho Ross Cowie aig leathach ùine, mar a chìthear sa phrògram Home air youtube.

Abair gun robh Cowie cruaidh air na cluicheadairean aige ach fhuair e buaidh.

Thàinig tadhail san dàrna leth bho Willie Cowie (2) agus MacRath a-rithist.

4-1 dha na Sgitheanaich air a' cheann thall agus pàrtaidh cho mòr sa chunnaic an t-Eilean a-riamh gus tòiseachadh.

Cha do ràinig Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' chuairt dheireannach bhon uairsin, ged a thàinig iad faisg air, is san fharsaingeachd bha cùisean suas is sìos dhaibh thar nam bliadhnaichean.

Suas

Tha iad an-dràsta air an t-slighe suas is iad dìreach air tilleadh dhan Phrìomh Lìog 'son a' chiad turas bho 2002.

Tha am poileasaidh trèanaidh a rinn uidhir a dh'fheum dhaibh ann an 1990 air obrachadh a-rithist is tha dòchas ann gum bi an ginealach ùr seo comasach air strì 'son nan duaisean mòra a-rithist.

Disathairne ge-tà, 'b e sùil air ais seach air adhart a bha ann am Port Rìgh is na 25 bliadhna gan comharrachadh.

Chluich feadhainn à 1990 - às an Eilean agus à Bail' Ùr an t-Slèibh - ann an geama air a' phàirc phlastaig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Thill iad an uairsin gu Pàirc nan Laoch 'son tachartas air an oidhche.

Agus, gu h-iomchaidh, bha Cupa na Camanachd fhèin ann, is Lòbhat air aontachadh a chur a Phort Rìgh 'son an là.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile