Deasbad nan Sgoiltean feumach air taic

  • 26 An t-Samhain 2015
Sgoil MhicNeacail A is na britheamhan. Image copyright Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean
Image caption Sgoil MhicNeacail A is na britheamhan.

'S iad Sgoil MhicNeacail A a bhuannaich Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean ann am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain.

Rinn Catriona Bain is Ceitidh NicAonghais à Sgoil MhicNeacail an gnothach air Rona NicNeacail agus Charlie-Anne Pleming à Àrd-sgoil Àird nam Murchan.

Bhuannaich Rona NicNeacail an duais mar an òraidiche a b' fheàrr san deasbad.

Thuirt Calum Iain MacLeòid bho Chomann na Gàidhlig gun do shoirbhich gu mòr leis an fharpais.

Rinn e moladh air ìre an deasbaid sa chuairt dheireannaich, is thuirt e gun robh farpais na bliadhna seo, na bheachd-san, aig ìre na b' àirde na gin a bh' aca a-riamh.

Taic-airgid

Thuirt e ge-ta, gu bheil an Deasbad a' cur feum air taic-airgid a bharrachd.

Sguir BT a' toirt taic dhan Deasbad an-uiridh às dèidh ghrunn bhliadhnaichean de chuideachadh.

"Cha robh taic againn à BT am-bliadhna agus bha e caran duilich an t-airgead a chruinneachadh", thuirt Calum Iain.

"S e an rud as cudromaiche 'son na h-ath-bhliadhna, 's e a' lorg an airgid 'son an fharpais a chur air dòigh.

"Bu thoil leam taing a thoirt dha na buidhnean a thàinig a-steach am-bliadhna.

"Cò aig a tha brath dè tha a' dol a thachairt an ath-bhliadhna. Feumaidh sinn a dhol a-mach a' lorg tuilleadh airgid 'son an fharpais a chur air dòigh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile