Iomairt ùr a dhìth mu aiseagan Steòrnabhaigh

  • 26 An t-Samhain 2015
An MV Loch Seaforth
Image caption Thòisich an MV Loch Seaforth air slighe Steòrnabhaigh sa Ghearran am bliadhna

Dh'iarr Cathraiche Chomataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar gun tòisich a' Chomhairle iomairt às ùr airson an dàrna aiseag fhaighinn air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.

Leis an Isle of Lewis ga gluasad gu slighe ùr, cha bhi air fhàgail air slighe Steòrnabhaigh ach an MV Loch Seaforth.

Tha Alasdair MacLeòid ag ràdh ge-tà, leis na tha de dhaoine a' cleachdadh na slighe agus leis gum feumar an dà chuid luchd-siubhail agus bathar a ghiùlain gu bheil an dàrna bàta a dhìth.

Dàrna bàta

"Tha sinn a' faicinn barrachd 's barrachd luchd-turais a' tighinn dhan na h-Eileanan agus chan e sin a-mhàin ach tha daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan ag iarraidh gum faigh iad gu tìr-mòr nuair a dh'fheumas iad faighinn ann - chan e a bhi a' fuireach làithean".

"Tha sinn air dearbhadh a-nis gu bheil feum air dà bhàta a bhith a' siubhail eadar Steòrnabhagh agus Ulapul fad na bliadhna".

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a ràdh roimhe gu bheil an MV Loch Seaforth mòr gu leòr airson an t-slighe a fhrithealadh.

Thuirt Alasdar MacLeòid ged 's e bàta math a th' innte nach eil sin a' ciallachadh nach fhaodadh rudan a dhol ceàrr oirre.

"'S bàta math dha-rìribh a th' anns an Loch Seaforth ach bidh fiu 's bàtaichean ùr a' briseadh sìos agus an uair sin chan eil Plan B ann mar a chanas iad - cha bhi an Isle of Lewis ann - cò às a tha am bàta dol a thighinn airson ruith nan seirbheisean nuair a tha am bàta briste neo meadhan an t-samhraidh nuair a tha feum againn air dà bhàt'-aiseig?".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile