Chaidh an MV Suilven fodha

  • 24 An t-Samhain 2015
Suilven Image copyright Dr Neil Clifton / Geograph
Image caption An MV Suilven air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Chaidh an MV Suilven, seann bhàt'-aiseig Steòrnabhaigh, fodha faisg air cala Suva am Fìdsidh.

Thathas a' tuigsinn nach robh luchd-siubhail air bòrd, agus an Suilven a-nis a' giùlain bathar a-mhàin.

Tha e coltach gun deach cobhair a dhèanamh air na bha air bòrd, agus gun tàinig iad uile beò às an tubaist.

Nochd dealbhan air loidhne den bhàta a' dol fodha.

Bha an Suilven na bàt'-aiseig ann an New Zealand às dèidh dhi Alba fhàgail, mus deach a reic ri companaidh ann am Fìdsidh.

Chaidh a togail airson Cal Mac airson an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul a fhrithealadh.

Bha i air an t-slighe fad 21 bliadhna gus an do thòisich an MV Isle of Lewis ann an 1995.

Tuilleadh air an sgeulachd seo