Ionad Slàinte Cheann a Tuath na Hearadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu sheirbheis na slainte sna Hearadh

24 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha luchd-iomairt sna Hearadh ag ràdh gum faodadh beatha dhaoine a bhith ann an cunnart le na tha de dh'uireasbhaidhean a tha ann an seirbheis slàinte Cheann a Tuath na sgìre taobh a-muigh uairean àbhaisteach.

Tha iad ag iarraidh cuideigin le eòlas meidigeach a bhith stèidhichte san sgìre.

Thuirt NHS nan Eilean Siar 's gu bheil an t-seirbheis a th' ann èifeachdach.