Pròiseact nan Ealan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Staing PNE

23 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bù chòir ro-innleachd shònraichte dha na h-ealain Ghàidhlig a bhith aig na buidhnean a tha gam maoineachadh.

'S e sin a thuirt Erica Mhoireasdan, Àrd Oifigear Pròiseact nan Ealan, is a' buidheann air innse gu bheil iad a' dol à bith le cion airgid.

Thuirt PNE nach eil airgead aca a chumas iad a' dol seachad air deireadh na bliadhna.

Tha Erica Mhoireasdan a-nise ag ràdh gu bheil feum air ro-innleachd shònraichte, agus barrachd tuigse, a bhith aig na buidhnean maoineachaidh.

"Bunaiteach"

Thuirt Alba Chruthachail gun tug iad còrr is £180,000 do Phroiseact nan Ealan bho 2014 is gu bheil iad ag aithneachadh cho bunaiteach 's a tha a' Ghàidhlig do chultar na h-Alba.

Dh'innis iad gu bheil iad a' cumail taic ri grunn bhuidhnean Gàidhlig, 's gu bheil iad air £1.4m a thoirt seachad do phròiseactan 's buidhnean Gàidhlig bhon sgeama maoineachaidh fosgailte aca.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gun robh còmhraidhean feumail aca ri Pròiseact nan Ealan o chionn glè ghoirid agus gun robh am Bòrd air cur romhpa £52,500 a thoirt dha PNE gus cuideachadh le bhith a' coileanadh Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig.

"'S e bristeadh-dùil a th' ann dhuinn gu bheil iad air co-dhùnadh a dhèanamh crìoch a chur air a' bhuidhinn. Ach cumaidh Bòrd na Gàidhlig air leis an obair gus Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig a thoirt air adhart, còmhla ri buidhnean com-pàirteach bhon roinn phoblaich, agus thèid an ro-innleachd a thoirt gu buil tro dhiofar luchd com-pàirt", thuirt am Bòrd.