Dà chànan nam buannachd do luchd-stròc

  • 20 An t-Samhain 2015
Stròc Image copyright Science Photo Library

Sheall rannsachadh gu bheil e nas coltaiche gun tèid aig daoine dà-chànanach faighinn seachad air stròc na daoine le dìreach aon chànan.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le Oilthigh Dhùn Èideann agus sgioba às na h-Ìnnseachan.

Ann an rannsachadh air sia cheud Ìnnseanach a bha air stròc a ghabhail, bha mu 40% de na daoine a bha dà-chànanach air na comasan inntinn aca fhaighinn air ais, an taca ri 20% de dh'euslaintich aig nach robh ach aon chànan.

Seo a' chiad rannsachadh a sheall ris a' cheangal a tha eadar cànain is comas inntinn às dèidh stròc.

Thathas den bheachd gu bheil a bhith a' dol bho aon chànan gu cànan eile na thrèanadh eanchainne, agus gu bheil sin a' cuideachadh le euslaintich a tha air stròc a ghabhail gus faighinn nas fheàrr.