Boireannach marbh an dèidh tubaist-rathaid

  • 18 An t-Samhain 2015

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd a' rannsachadh bàs bhoireannaich ann an tubaist-rathaid san Eilean Dubh oidhche Mhàirt.

Thachair an tubaist mu 10:15f nuair a chaidh am boireannach a leagail le càr aig Bog Ailein.

Tha na Poilis air am B9161 eadar an A9 agus Bun Lòchaidh a dhùnadh aig làrach na tubaiste.

Tha iad ag iarraidh air dràibhearan cearcal-rathaid an Todhair a chleachdadh nuair a tha iad a' tighinn 's a' fàgail an Eilein Duibh.