Cuimhneachadh

  • 17 An t-Samhain 2015

An-diugh, tha Pàrlamaid na h-Alba aonaichte.

A' tilleadh don t-seòmar às dèidh nan ionnsaighean marbhtach ann am Paris, bha na brataich a' feitheamh orra aig an leth-chrann.

Tha dathan na Frainge a' soillseachadh an Talla Mhòir ann an dearg, geal agus gorm.

Thug am prìomh mhinistear fàilte air Consul na Frainge air an dòigh Fhrangaich - le pòg - nuair a thàinig i gu Holyrood gus a' Phoblachd a riochdachadh agus na h-òraidean a chluinntinn air sgàth muinntir na dùthcha.

Nochd Trisha Marwick bròn na Pàrlamaid ann am Fraingis mus d'fhuair ceannardan nam pàrtaidhean an cothrom bruidhinn.

Bho gach tè agus fear dhiubh, thàinig an dearbh theachdaireachd.

Sgaradh

An tòiseach, bròn airson an fheadhainn a bhàsaich agus truas airson an fheadhainn a tha air fhàgail.

Chleachd BPA a' chiad chothrom a bha aca dlùth-chomainn na Pàrlamaid a thabhainn do mhuinntir na Frainge, anns an t-Sia-Chearnaig fhèin, agus an seo ann an Alba.

Dh'aontaich iad nach gèilleadh iad ris na ceannarcaich thall thairis, no aig an taigh.

Is ann air aonachd na h-Alba fhèin a bha tòrr dhen aire aig Holyrood an-diugh.

Air an latha a ràinig itealan nam fògarrach Glaschu, gheall Holyrood a dh'aona-ghuthach nach dèanadh ceannarc sgàradh anns a' choimhearsnachd.

Ach dè an seòrsa fàilte a gheibh na Sirianaich a thòiseachas beatha ùr ann an Alba an-diugh?

Cuimhneachadh

An-dè, nuair a bha an Roinn Eòrpa na tost airson na daoine a chaochail ann am Paris a chuimhneachadh, chuir Nicola Sturgeon roimhpe a bhith aig Mosg Mheadhan Ghlaschu.

Ri taobh, bha Ministear nan Cùisean Cèin, Humza Yousaf, a tha air gràin-chinnidh agus gràin-chreidimh fhulang air loidhne o thachair na h-ionnsaighean.

Thuirt am prìomh mhinistear nach robh àite sam bith airson a leithid ann an Alba.

Air ais anns an t-seòmar gur e Christian Allard - ball an Ear-thuath, a rugadh anns an Fhraing - a fhuair an cothrom freagairt a thoirt seachad.

A dh'aithghearr, tionndaidhidh aire na Pàrlamaid do cheistean doirbhe mu thèarainteachd aig an taigh agus gnìomhan armaichte thall-thairis.

An-diugh, ge-tà, stad i gus smaointinn air an fheadhainn a chaill am beatha air oidhche a mhaireas nar cuimhne gu bràth.