Coinneamh an aghaidh ghearraidhean

  • 16 An t-Samhain 2015
Tallaichean a' Chorrain Image copyright Geograph Kenneth Allen
Image caption Thèid a' choinneamh a chumail ann an Tallaichean a' Chorrain

Tha pàrantan, a tha feargach mu mholaidhean Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid gearraidhean luach nam milleanan notaichean a chur an sàs, a' cur coinneamh phoblach air dòigh san Òban an t-seachdain-s'.

Tha "Pàrantan Earra-Ghàidheal agus Bhòid an aghaidh Gearraidhean Comhairle" am measg grunn bhuidhnean a chuir duilleagan làraich-lìn sòisealta air dòigh mar fhreagairt air na 140 "molaidhean sàbhalaidh" a dh'fhoillsich an t-ùghdarras iondail air a' mhìos a chaidh.

Tha a' chomhairle ag ràdh gum feum iad suas ri £26m a chaomhnadh eadar seo is 2021.

Chuir iad romhpa £9m a shàbhaladh sa bhliadhna ri tighinn.

Am measg nam molaidhean, tha gearradh de 20% ann am buidseatan sgoile, a dh'fhàgadh gun cailleadh luchd-obrach ann an leabharlannan sgoile agus feadhainn a tha gam fastadh 'son clann a chuideachadh tarsainn an rathaid an dreuchdan.

Tha moladh ann cuideachd taic dhan fheadhainn a tha a' cuideachadh sgoilearan le feumalachdan sònraichte a ghearradh 45%.

Thugar cuireadh dha comhairlichean na sgìre air fad a dhol chun na coinneimh a tha ga chuir air dòigh ann an co-bhann le Comhairle Choimhearsnachd an Òbain.

Bidh i ann an Tallaichean a' Chorrain Diciadain aig 7:00f.

Thig co-chomhairle an ùghdarrais air na sàbhalaidhean gu ceann aig deireadh na bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo