Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mionaid de Shàmhchar

Chaidh mionaid de shàmhchar a chumail air feadh na h-Eòrpa mar chomharra air a' cheannairc ann am Paris Oidhche Haoine agus mar chuimhne air còrr is sia fichead agus a deichnear a chaill am beatha.

Rèidean

Rinn poilis anns an Fhraing corr is ceud gu leth rèid air diofar àiteachan air feadh na dùthcha agus tha còrr is fichead duine an grèim aca. Chaidh seachdnar eile a chur an grèim anns a' Bheilg, ach tha iad fhathast a' coimhead airson fear a tha fo amharas aca, Salah Abdeslam, a theich às an Fhraing dhan Bheilg an dèidh na h-ionnsaigh ann am Paris. Dh'ainmich ùghdarrasan na Frainge dithis eile a ghabh pàirt anns na h-ionnsaighean. Bha Samy Amimour, a bhuineadh do Pharis air fear de na bomairean fèin-mharbhteach a tug ionnaigh air Tallla Consairt Bataclan agus a bha e fo rannsachadh airson ceannairc ann an 2012. Agus bha cead-siubhail Sirianach aig Ahmad Al Mohammad, fear de na bomairean aig an Stade de France.

Dàibhidh Camshron

Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil e deònach bargan a dhèanamh ris an Ruis airson cur as don bhuidheann Jihadist, an Stàit Islamach, agus airson fuasgladh poileataiceach fhaighinn dhan chogadh shìobhalta ann an Siria. Tha Mgr Camhshron a' coinneachadh ris a' Cheann-suidhe Putin an-diugh aig coinneimh an G20 san Tuirc. Agus an dèidh na ceannairc ann am Paris, dh'innis am Prìomhaire gu bheil MI5, MI6, agus GCHQ a' faighinn tuilleadh airgid bhon riaghaltas son cuideachadh nan strì an aghaidh ceannairc.

Merseyside

Tha poilis ann am Merseyside a' rannsachadh muirt an dèidh ionnsaigh le gunna air gille a bha 16. Chaochail an gille san ospadal a-raoir an dèidh na h-ionnsaigh air ann an sgìre Vauxhall ann an Liverpool.

Sgoiltean an Eilein Sgitheanaich

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' toiseachadh air ath-thagradh laghail an-diugh mun dòigh a dhiùlt panal dùnaidh nan sgoiltean cead dhaibh ceithir de sgoiltean an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh. Bha a' chomhairle am beachd na bun-sgoiltean san Aodann Bhàn, an Dùn Bheagain, sa Chnoc Bhreac agus san t-Sruthan a dhùnadh - is sgoil ùr a thogail ann an Dùn Bheagain. Ach thuirt am panal nach do rinn a' Chomhairle an dleastanas fon lagh a thaobh co-chomhairle air a' chùis.