Sàr-chluicheadair am Buidheann na h-Èireann

  • 12 An t-Samhain 2015
Páirc an Chrócaigh
Image caption Cluichidh Èirinn an aghaidh Alba aig Páirc an Chrócaigh air an 21mh den mhìos.

Tha Cumann Lúthchleas Gael air Sàr-chluicheadair Iománaíochta 2015, TJ Reid, a ghairm dhan bhuidhinn aca 'son a' gheama an aghaidh Alba am Baile Átha Cliath nas fhaide air a' mhìos.

Bha Reid na phàirt den sgioba aig Cill Chainnigh a bhuannaich Farpais na h-Èireann am-bliadhna.

Rinn Alba an gnothach air Èirinn 24-14 ann an Inbhir Nis air a' mhìos seo chaidh.

'S e geama fa-leth a tha anns an dàrna geama am-bliadhna, seach sreath mar a bha, is le Reid ga ghairm dhan bhuidhinn, tha na h-Èireannaich air sealltainn gu bheil iad ag amas air dìoghaltas.

Tha e coltach cuideachd gum bi àite ann do Phatrick 'Bonnar' Maher à Tiobraid Árainn.

Ged nach deach ainmeachadh san sguad, thathas a' tuigsinn gun cluich e.

Thàinig Maher, a rinn sgrios air Alba roimhe seo, a-steach dhan sgioba gun dùil aig Pàirc a' Bhucht cuideachd.

Bidh an geama ann air an 21mh den mhìos aig 4:35f. Bidh geama eadar-nàiseanta Peil/Aussie Rules eadar Èirinn is Astràilia ann às a dhèidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile