Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Malta

Chuir ceannardan Eòrpach agus Afraganach aonta an-diugh aig àrd-choinneimh ann am Malta ri sgeama a tha ag amas air smachd a chur air àireamhan imreachd. Thèid stòras de £1.3bn a stèidheachadh mu choinneimh na bochdainn ann an dùthchannan Afraganach às a bheil mòran de luchd-imrich a' falbh 's iad ag iarraidh beatha nas fheàrr ann an dùthchannan Eòrpach.

Nar endra Modi

Tha am Prìomhaire Ìnnseannach, Narendra Modi, aig toiseach turas trì là a Bhreatainn. Thill Dàibhidh Camshron tràth bho àrd-choinneimh na h-in-imreachd ann am Malta airson coinneachadh ris agus coltas ann gum bi iad, am measg rudan eile, a' cur chùmhnantan malairt ùra air dòigh eadar an dà dhùthaich.

Pauline Cafferkey

Chaidh an nurs Albannach Pauline Cafferkey, air an tàinig an galar Ebola ann an Sierra Leone, a ghluasad à Ospadal an Royal Free ann an Lunnainn. Tha i a-niste san ospadal ann an Glaschu agus dotairean ag ràdh gu bheil i gu math air a slighe gu slàinte. Fhuair i seachad iar a' chiad chuairt den tinneas aig toiseach na bliadhna seo, ach dh'fhàs i meadhanach an dàrna turas air a' mhìos a chaidh.

Gearraidhean Cosnaidh

Tha BAE Systems a' gearradh 371 dreuchd ann am Breatainn. Bidh a' chompanaidh a' togail nas lugha de na h-itealain chogaidh Typhoon, agus 's ann aig làrach Samlesbury ann an Lancashire a bhios a' mhòr-chuid a' call an cosnadh. 'S tha Rolls Royce cuideachd a' gearradh chosnaidhean am measg àrd-stiùirichean na buidhne.

An Lighe Ratharsaireach

Bidh iasgairean a' coinneahcadh ri Ministrealachd an Dìon a-nochd aig coinneimh poblaich ann an Caol Àcainn 's iad a' deasbad leudachadh air raon deuchainn nam bàtaichean-aigeann eadar Ratharsair agus Tìr-Mòr. Tha na h-iasgairean a' gearain nach eil an MOD air a bhith a' cumail fiosrachaidh riutha mun phlana, agus tha dragh orra cuideachd gun cuir an leudachadh às dham beò-shlàint'.