Abair Gèile

  • 12 An t-Samhain 2015
Sarah Cruickshank ag aithris na sìde

Bidh sgoiltean agus sgoiltean-àraich nan Eilean Siar uile dùinte dha sgoilearan Dihaoine ri linn na droch thìde.

Thug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh gu bheil a h-uile coltas ann gun toir Stoirm Abigail - a chiad stoirm a chaidh ainmeachadh le Oifis na Sìde - buaidh air comhdail agus dealan.

Sgaoil an oifis rabhadh orainds, a tha a' moladh do dhaoine "a bhith ullaichte", airson nan Eilean Siar, sgìrean de dh'Earra Ghaidheal, iar thuath na Gàidhealtachd agus Arcaibh.

Dh'fhaodadh gum bi uspagan gaoithe de suas ri 90msu ann an àiteachan fosgailte ann an sin, agus dh'fhaodadh tonnan mòr buaidh a thoirt air sgìrean mu na cladaichean.

Tha an rabhadh sin an sàs eadar meadhan oidhche Diardaoin agus meadhan latha Dihaoine.

Tha rabhadh buidhe, a tha a' moladh dha dhaoine "a bhith mothachail", ga sgaoileadh airson a' chòrr de dh'Alba.

Thug an droch shìde buaidh air seirbhisean aiseig Diardaoin le grunn sheòlaidhean air a chur dheth.

Am measg sin tha na seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, Loch Baghasdail, Bagh a' Chaisteil agus an t-Òban, Èirisgeidh agus Barraigh, an t-Òb agus Beàrnaraigh, Malaig agus Armadal, agus an t-Òban, Colla agus Tiriodh.

Tha rabhadh orainds, gum faodadh dàil a bhith ann, neo rabhadh dearg a tha ag innse g'eil iad dheth, air an ìre mhath a h-uile seirbheis air lionra ChalMac.

Thuirt Loganair nach eil dùil aca gun toir an stoirm buaidh air na seirbheisean aca-san.

Rathaidean

Chuir Buidhean Èiginn nan Eilean Siar, WIEPCG, ìmpidh air draibhearan a bhith air am faiceall air na rathaidean.

Dùinidh cabhsairean nan eilean do charbadan le cliathaichean àrda aig 6.00f Diardaoin.

Bi an t-seirbheis bus mu dheireadh sna h-eileanan Diardaoin aig 6.00f, agus nas tràithe na sin ann an cuid a sgìrean.

Chaidh iarraidh air luchd-siubhail seirbheisean nas tràithe a chleachdadh mas urrainn dhaibh.

Tha dòchas gu tòisich an t-seirbheis bhus phoblach a-rithist aig 9.30m Dihaoine.

Chaidh comhairleachadh do dhaoine gun binichean-sgudail fhàgail a-muigh tron oidhche.

Tòisichidh seirbheis nam binichean leth-uair a thìde nas anmoiche nan àbhaist Dihaoine.

Dh'iarr a' chomhairle air daoine taic a thoirt do sheann daoine neo daoine so-leònta a tha a' fuireach faisg orra.

Dhùin Sgoil Bhagh a' Chaisteil ann am Barraigh agus Sgoil Sir E Scott sna Hearadh feasgar Diardaoin.

Ged a bhios sgoiltean nan Eilean Siar air fad dùinte do sgoilearan a-màireach fosglaidh iad aig 10m do thidsearan.