Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist an M9

Thuirt Inspeactor nam Poilis gu robh laigse 'sa phrògram fon deach seòmraichean stiùiridh le Polais Alba a dhùnadh. Thàinig aithisg Derek Penman an dèidh tachartas 'san Iuchair am bliadhna-sa; far an tug e trì là mus do dhèilig polais ri fiosrachadh gu robh tubaist càr air an M9 faisg air Sruighlea anns an do chaill dithis am beatha. Agus tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir casg a chuir an dràsda air dùnadh an còrr sheòmraichean stiùiridh.

EU

Thuirt Dàibhidh Camshron gur e referendum air ballrachd Bhreatainn 'san Aonadh Eòrpach a bhòt 's cudromaiche nam beatha do mhuinntir na dùthcha. Tha am Prìomhaire ag ullachadh litir a thèid dhan Chomhairle Eorpaich ag innse dè seòrsa ath-leasachadh a tha esan ag iarraidh air càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Camhshron nach ann do bhuannachd Bhreatainn a-mhain a bhiodh na h-atharrachaidhean sin ach do bhuannachd an EU gu lèir.

Uairean-fosglaidh

Tha coltas ann gu faodadh an SNP ann an Westminster cuir às do phlana an Riaghaltais 'son fuasgladh air riaghailtean malairt air an t-Sàbaid ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Thuirt an SNP gum bhòt iad an aghaidh an Riaghaltais, còmhla ris na Làbaraich agus reubaltaich Thòraidheach ann an Taigh nan Cumantan, agus dragh orra gun toireadh leudachadh air uairean nam bùithtean air an t-Sàbaid droch bhuaidh air pàigheadh luchd-obrach air feadh Bhreatainn.

Tuath-gaoithe

Thuirt Urras Iain Mhuir gu bheil iad gu math dòchasach gu bheil riaghailtean dealbhachaidh ùr mu thalamh fiadhaich a' cur stad air cead do thuathan gaoithe ann an sgìrean a tha cudromach 'son sealladh agus an àrainneachd. Thàinig beachd na buidhne glèidhteachais an dèidh do dh'oifigich dhealbhachaidh Riaghaltas na h-Alba cead a dhiùltadh do phlana 'son tuath gaoithe le ceithir crann deug faisg air Inbhir Pheofharain.

Iasad nan taighean-croite

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a-measg na rinn toileachas ri co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba sùil às ùr a thoirt air iasad a thilleadh gu sgeama grant nan taighean croite. Thuirt Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid, gun dèan iad co-chomhairle air plana, fom faodadh croitearan diofar ìrean de thaic fhaighinn 'son taigheadas a-rèir 's càite a bheil iad a' fuireach.

Coinneamhan ChNES

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' tòiseachadh a-nochd air sreath choinneamhan far a bheil iad ag iarraidh beachd an t-sluaigh air gearraidhean ann am buidseat an ùghdarrais. Tha a' Chomhairle ag amas air suas ri sia deug millean not a chùmhnadh eadar an ath-bhliadhna agus 2018. Tha a' chiad thè de na coinneamhan poblach ann an Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart a-nochd aig 7f.