Coinneamhan mu bhuidseat ChNES

  • 10 An t-Samhain 2015

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar sreath choinneamhan air feadh nan Eilean Siar a dheasbad am buidseat aca.

Bidh a' chiad choinneamh air an Tairbeart oidhche Mhàirt leis an dàrna tè ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain.

Tha a' Chomhairle air dreach bhuidseat a dhealbh airson 2016 gu 2018 fom feumadh iad suas ri cha mhòr £16m de ghearraidhean a dhèanamh.

Tha iad ag ràdh gun toir na coinneamhan seo cothrom dhan phoball innse dè na seirbheisean a bu chòir prìomhachas fhaighinn.

Bidh tuilleadh choinneamhan ann an Leòdhas, ann an Uibhist agus ann am Barraigh tron t-Samhain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile